Thòisich obair gus leasachadh a dhèanamh air Cala Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Ìamhaigh de Bhàgh Newton mar a bhitheas e
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cala nas doimhne aig Bàgh Newton mar phàirt den chiad earrann de phlana leasachaidh mhòr

Thòisich obair gus leasachadh a dhèanamh air Cala Steòrnabhaigh dimàirt.

Cosgaidh am pròiseact, a bheir dhaibh marina ùr agus cala domhainn, còrr agus £60m.

Bidh cosgais de £11m anns a chiad earrann dhen phròiseact.

Thèid Bàgh Newton a dhèanamh nas doimhne le 70 àite a bharrachd do iataichean.

Bidh goireasan ùra air Eilean nan Cobhail do sheòladairean agus an cuideachd.

Ìnacleit

Tha planaichean ann airson lamraig ùr agus bùth-obrach airson bàtaichean a chàradh.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' dol a chur ris a' phròiseact le bhith a' sgeadachadh seann thogalaichean ann an Newton agus Ìnacleit.

Tha an obair uile mar phàirt de phlana mhòr Ùghdarras a' Chala a bheir 20 bliadhna a thoirt gu buil.

Am measg sin, tha plana airson cala nas doimhne aig Àranais agus cidhe fada far an urrainn do shoithichean mòra luchd-turais ceangal agus rathad ùr eadar sin agus am baile.