Fàs air Còrnais aontaichte

  • Air fhoillseachadh
CòrnaisTùs an deilbh, Pauline E/Geograph

Thug caibineat Comhairle a' Chùirn taic gu h-aona-ghuthach ri plana gus fàs a thoirt air cleachdadh sgrìobhte agus labhairte na Còrnais anns an sgìre.

Thathas ag amas air togail air an obair a rinn a' Chomhairle roimhe a thaobh an cànan a dhèanamh nas fhaicsinniche air feadh a' Chùirn le soidhnichean-rathaid agus ainmean.

Sgrìobhaidh a' Chomhairle cuideachd chun an Riaghaltais a dh'iarraidh taic do dh'iarrtas a tha a-staigh mar thà airson maoineachaidh mu choinneimh fàs a thoirt air cleachdadh na Còrnais.

"Feumaidh sinn gabhail ris na cothroman iongantach a tha seo airson dèanamh cinnteach nach e dìreach cànan le eachdraidh a th' anns a' Chòrnais, ach cànan a bhios a' leantainn air adhart cuideachd," thuirt an Comh. Bob Egerton, a tha an urra ri Leasachadh agus Eaconomaidh.