Tesco an dùil bùth fhosgladh san Eilean Sgitheanach

Dealbh den bhùth a tha san amharc aig Tesco san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh Tesco an dùil bùth fhosgladh san Eilean Sgitheanach.
Bhiodh an leasachadh air Bealach nan Dròbhairean ann am Port Rìgh is bhiodh stèisean connaidh na chois.
'S e làrach a th' ann a chaidh a chomharrachadh roimhe sa Phlana Leasachaidh Ionadail 'son a chur gu feum 'son bùth.
Tha e ri taobh far am bi seach-rathad Phort Rìgh is dùil ri mòran taighean ùra san sgìre cuideachd.
"Tha sinn air bhioran beachdan a chluinntinn mu na planaichean againn", thuirt Matthew Price bho Tesco.
"Tha sinn mar-thà a' frithealadh air an Eilean Sgitheanach tron obair air-loidhne againn agus chuireadh a' bhùth ùr ris an taghadh a tha aig daoine agus ann an làrach a tha sinn a' faireachdainn a fhreagras orra".
Thèid cead-dealbhachaidh iarraidh ro dheireadh na bliadhna le dùil gun tòisich obair aig an làraich as t-samhradh 2026, is gum fosgladh a' bhùth ro dheireadh 2027.
Tha gearanan air a bhith san Eilean Sgitheanach bho chionn fhada nach eil farpais aig a' Cho-op is trì bùthan aca san Eilean.
Bha mì-thoileachas mòr ann nas tràithe air a' bhliadhna nuair a thug ionnsaigh shaidhbeir buaidh mhòr air a' Cho-op gu nàiseanta is sgeilpichean nam bùthan aca falamh.

An làrach air Slighe nan Dròbhairean far am biodh a' bhùth
Bha buaidh gu seachd àraid san Eilean Sgitheanach leis nach eil bùth mhòr nàiseanta eile ann.
Bha BPA na sgìre, an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis, air innse san Iuchar gun robh i ann an conaltradh le companaidh mhòr a thaobh bùth fhosgladh san Eilean.
Bha a' Bh-Ph. Fhoirbeis air suirbhidh air-loidhne a sgaoileadh às dèidh na h-ionnsaigh saidhbeir a thomhas fheumalachdan muinntir an eilein a thaobh a leithid de ghoireasan.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt tè de chomhairlichean na sgìre, Chrissie NicIlliosa, gu bheil daoine "air an dòigh" gu bheil cothrom a-rithist air bùth mhòr eile san Eilean is oidhirpean ron seo air fàiligeadh.
"'S e dìreach taghadh a th' ann, taghadh a bharrachd airson muinntir na sgìre", thuirt an Comh NicIlliosa.
Chrissie NicIlliosa a' bruidhinn ri Seumas Dòmhnallach air Aithris na Maidne Dihaoine
Thuirt i gu bheil e follaiseach gu bheil iarrtas ann is làraidhean bho chompanaidhean eile mar-thà a' frithealadh air daoine san Eilean Sgitheanach.
Dh'aidich i gur dòcha gum biodh buaidh air companaidhean beaga ach thuirt i gum bi sin an urra ri daoine fhèin.
"S dòcha (gum bi buaidh ann) oir bidh e beagan nas fhaisge ach aig an aon àm, bidh daoine a' cleachdadh Tesco no Morrisons no bùthan eile mar-thà co-dhiù.
"'S e taghadh pearsanta a th' ann - bidh mi fhìn mar as àbhaist a' cleachdadh bùth coimhearsnachd Ratharsair - ach 's e teaghadh pearsanta a th' ann is tha sinn a' feuchainn gus dèanamh cinnteach gu bheil an taghadh ann".
Thèid na planaichean a thaisbeanadh aig dà tachartas san Eilean Sgitheanach Disathairne an 27mh den t-Sultain is cothrom aig a' phoball sùil a thoirt orra is beachd a thoirt seachad.
Bidh coinneamh ann an Talla an Àth Leathainn eadar 10:00m is 1:30f agus tè eile ann an Ionad Coimhearsnachd Phort Rìgh eadar 3f is 6f.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar
- Air fhoillseachadh26 An Lùnastal