Feum air "atharrachadh bunaiteach" air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn

- Air fhoillseachadh
Tha co-bhanntachd de bhuidhnean air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba is iad ag iarraidh orra atharrachadh bunaiteach a thoirt air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn.
Thuirt an fheadhainn a tha air ainm a chur ris an litir fhosgailte nach eil am bile mar a tha e a' dol fada gu leòr airson "cothromachd agus barrachd chothroman a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail".
Tha am bile, taobh a-muigh an-dràsta aig an treas ìre is e a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba.
Am measg sia buidheann deug a chuir an litir fhosgailte gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Urras Iain Muir, is Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba.
Chuir am fear-iomairt fearainn Andy Wightman ainm ris an litir cuideachd.
Tha an litir ag ràdh gur e "slighe" a th' ann an ath-leasachadh an fhearainn is gu bheil rudan sa bhile a nì feum.
Tha an luchd-iomairt ag ràdh ge-tà, nach deach geallaidhean a rinneadh roimhe a choileanadh is nach eil "ro-innleachd sa bhile san ùine fhada air neo structar seasmhach gus ath-leasachadh a thoirt air laghan is poileasaidhean fearainn na h-Alba".
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
Tha feum, tha iad ag ràdh, air crathadh susbainteach a thoirt air a' bhile agus air ath-leasachadh an fhearainn san fharsaingeachd.
Am measg nam molaidhean aca, chuireadh iad casg air na th' ann de dh'fhearann as urrainn a bhith aig daoine, fearann ann am bailtean na dùthcha a thoirt a-steach dhan reachdas, measadh poblach nas làidire a dhèanamh air feadhainn a tha 'son fearann a cheannach, agus òrdughan ceannach a chur an sàs gus làraichean a tha bàn a chur gu feum.
Thuirt Josh Doble bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba nach toir am bile aig an ìre seo crathadh air na structaran bunaiteach a tha a dhìth airson coimhearsnachd dùthchail a chuideachadh.
Tha e ag ràdh gu bheil cunnart ann "gun tèid cothrom fìor mhòr a chall".
Ach thuirt Mgr Doble gu bheil ùine ann fhathast airson am bile a neartachadh.

Chan e seo a' chiad turas a chaidh draghan a thogail mun bhile.
A' bruidhinn nas tràithe am-bliadhna, thuirt Andy Wightman fhèin gur e "am bile as laige air ath-leasachadh fearainn a chunnaic Holyrood a-riamh".
Thuirt Mairi Gougeon gu bheil Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn "àrd-amasach mu atharrachaidhean a dhèanamh do choimhearsneachdan dùthchail agus eileanach".
Tha i ag ràdh gun toir e guth nas treasa do choimhearsnachdan air mar a tha fearann ga stiùireadh is gum bi cothroman na chois 'son smachd air fearann a sgaoileadh.
"Tha am bile air taic fharsaing fhaighinn air feadh na Pàrlamaid ach tha sinn ag aithneachadh gu bheil draghan bho chuid mu cheumannan a bharrachd.
"Obraichidh sinn leis a' Phàrlamaid gus draghan sam bith a rèiteach is thèid atharrachaidhean a thoirt air adhart aig an treas ìre", thuirt i.