5% de chòmhraidhean am Barraigh sa Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha a' Ghàidhlig nas fhallaine ann an Uibhist na tha i ann am Barraigh anns an t-seadh 's gu bheil barrachd chòmhraidhean sa chànan ann an àiteachan poblach gu làitheil.
Sin an co-dhùnadh dhan tàinig rannsachadh air cleachdadh na Gàidhlig ann an diofar àitichean sna h-Eileanan Siar.
Chuir Bòrd na Gàidhlig air bhonn an sgrùdadh, a chaidh nas doimhne na àireamhan a' Chunntais-Shluaigh.
Tha a' Ghàidhlig aig 62% de mhuinntir Bharraigh, a rèir a' Chunntais-Shluaigh.
Cànan na Coimhearsnachd
Ach fhuair an sgrùdadh seo gur e dìreach 5% de chòmhraidhean poblach a tha gan cumail san eilean, a tha sa Ghàidhlig.
'S i an Dr. Ingeborg Birnie, a tha na h-òraidiche sa Ghàidhlig aig Oilthigh Shrath Chluaidh, a rinn an sgrùdadh, 's e stèidhichte air an tràchdas PhD aice.
"'S e Barraigh aon de na sgìrean as làidire a thaobh na Gàidhlig a rèir a' Chunntais-Shluaigh," thuirt i.
"Ach nuair a rinn mise rannsachadh cha robh ach glè bheag de na conaltraidhean anns na h-àiteachan poblach sa Ghàidhlig.
"Bha a' mhòr-mhòr-chuid de na conaltraidhean sa Bheurla.
"'S e cànan na coimhearsnachd dha-rìribh a' Bheurla.
"Ann an dòigh 's e briseadh-dùil a bha seo oir 's e 62% aig a' bheil a' Ghàidhlig ann am Barraigh - ach bha dìreach 5% de na conaltraidhean a' cleachdadh a' chànain.
"Agus cuideachd 's iad na daoine as sine a tha ga cleachdadh.
"Ged nach e rud ùr a tha seo tha e gu math duilich seo fhaicinn ann an dòigh," thuirt i.
Cha b' e an aon sgeulachd a fhuair Inge ann an Uibhist ge-tà.
"Ann an Uibhist, ged a tha ìre na Gàidhlig co-ionnan cha mhòr le Barraigh, tha barrachd dhaoine a' cleachdadh na Gàidhlig ann an conaltraidhean, agus cuideachd le cloinn," thuirt i.
"Fhuair mi a-mach gu bheil, mar a chanas iad Intergenerational Transmission, no Tar-Chur Eadar Ginealaichean, fhathast a' tachairt ann an Uibhist.
"'S e deagh naidheachd a tha seo dha-rìribh airson na sgìre seo, gu bheil fhathast clann a' cleachdadh a' chànain le inbhich, pàrantan, seanairean.
"Agus gu math nàdarra, nuair a tha iad a' dol dha na bùithdean, ann an taighean-bìdhe, ann an cafaidh, rudan mar sin.
Sòisealta
"Tha rudan gu math inntinneach ann.
"Ann an Steòrnabhagh, fhuair mi a-mach gu bheil ìre na Gàidhlig nas làidire ann an Steòrnabhagh na tha ann am Barraigh - ged a bha ìre na Gàidhlig anns a' Chunntas-Sluaigh na bu lugha ann an Steòrnabhagh na bha ann am Barraigh.
"Ach aon rud eile, bha mi aig tachartas sòisealta ann am Barraigh, agus an ath-oidhche aig an aon tachartas shòisealta ann an Uibhist.
"An uair sin fhuair mi a-mach gu bheil daoine a' cleachdadh na Gàidhlig ann am Barraigh.
"Ann an suidheachadh sòisealta bidh iad a' cleachdadh a' chànain gu nàdarra, agus mar sin tha e gu math cudromach gu bheil na tachartasan seo ann, gus am bi cothrom aig daoine Gàidhlig a chleachdadh, agus airson feadhainn eile a bhith ag èisteachd ris a' chànan, agus gum bi fios aca gu bheil e fhathast ann.
"Tha seo a' toirt chothroman do na ginealaichean eile an cànan a chluinntinn, agus bidh cothrom ann obrachadh a-mach cò leis a tha an cànan, oir bidh daoine a' bruidhinn a' chànain gu nàdarra.
"Bidh thu ag èisteachd agus a' smaoineachadh "uill, tha Gàidhlig aig an tè seo so faodaidh mise Gàidhlig a bhruidhinn ris an tè seo, no am fear seo".
"Tha e fìor chudromach dha-rìribh," thuirt i.
Bidh Inge Birnie a' toirt seachad òraid mu a cuid rannsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig Diciadain (8mh Cèitean) aig 3:00f.