Chrissie NicEachainn - Banrigh a' Mhòid

- Air fhoillseachadh
"Nuair a chunnaic iad gur e Chrissie, banrigh a' Mhòid, a bha sa chàr, chum sinn a' dol sìos an rathad an taobh ceàrr."
Sin a' chuimhne a tha aig an t-seinneadair Fearghas Rothach air turas aig mòd bliadhnaichean air ais.
Cha robh riaghailtean an rathaid a' dol a chur stad air an oide aige, Chrissie NicEachainn, bho a bhith ga fhaighinn gu farpais. Agus bha Chrissie aithnichte gu leòr airson faighinn às leis.
Chuir Chrissie, no Ciorstag mar a bh' aig mòran oirre, còrr is fichead bliadhna shoirbheachail seachad a' stiùireadh Còisir Òg Loch Abair agus a' teagasg sheinneadairean airson farpaisean chloinne agus inbheach aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Sia mìosan an dèidh dhi bàsachadh, tha An Comunn Gàidhealach air urram Caraid a' Mhòid a thoirt do Chrissie mar chomharra air an obair a rinn i agus an spèis a bha aig daoine oirre.

Chrissie an dèidh dhi buannachadh farpais an t-Seann Nòis
B' ann às a' Chlachan Mhòr ann an Uibhist a Deas a bha Chrissie bho thùs.
Bha i a-riamh dèidheil air a' Mhòd. Bha i naoi bliadhna a dh'aois a' chiad turas a chaidh i ann, 's i ann am farpais seinn aon neach agus còmhraidh.
Bhuannaich i Bonn Òir an t-Seann Nòis nuair a bha am Mòd san Eilean Sgitheanach ann an 1982.
"Cha robh sian a dhùil agam ris," dh'innis i do Choinneach MacÌomhair ann an clàradh a rinn i do BhBC Radio nan Gàidheal ann an 1997, "ach fhuair mi e co-dhiù, agus bha horo-gheallaidh gu leòr againn às a dhèidh!"
Choinnich Chrissie an duine aice Raghnall nuair a bha an dithis ag obair ann an Glaschu. B' e banntrach a bha ann an Raghnall le dithis nigheanan.
Phòs iad ann an 1968 agus nuair a leig Raghnall dheth a dhreuchd ann an 1970 ghluais iad dhan Chaol.
Bha Raghnall gu math taiceil do Chrissie san obair a bha i a' dèanamh leis a' chòisir, a' cuideachadh le a bhith a' cur cuirmean air dòigh agus a' cruinneachdh airgid airson a' chòisir fhaighinn gu mòdan.

Chrissie agus Raghnall aig mòd
Bha Catriona Nic an t-Saoir, a bhuineadh do sgìre an Ìochdair cuideachd, gu math eòlach air Chrissie a bha, thuirt i, na "bhoireannach toilichte, spòrsail agus èibhinn".
"Far am biodh Ciorstag bhiodh gàireachdaich. Bha gàire sonraichte aice. Chluinneadh tu i far nach fhaiceadh tu i."
Bha an cànan agus cultar cudromach do Chrissie agus bha i fìor mhath air òrain a theagasg.
Thòisich i a' dol a-steach gu bun-sgoiltean na sgìre a theagasg òrain dhan chloinn gu saor-thoileach, rud air a bheil cuimhne aig Catriona, 's i fhèin na tidsear sa sgìre.
"Aig an àm sin cha robh Gàidhlig ga teagasg sna bun-sgoiltean agus 's dòcha gur e sin a' chiad chothrom a bhiodh aig cuid den chloinn co-dhiù air Gàidhlig a chluinntinn agus bha e a' còrdadh riutha.
"Tha fios 'am gun deach cuid mhath dhiubh air adhart gu Gàidhlig a thaghadh san àrd-sgoil agus gu fileantas," thuirt Catriona.

Tha Fearghas Rothach am measg nan sgoilearan a thòisich air a' Ghàidhlig ann an Còisir Òg Loch Abair. Tha e fhèin ag ràdh gur e a' chòisir a' chiad cheum dhasan ann an saoghal na Gàidhlig.
Chan e a-mhàin gu bheil e fileanta an-diugh, tha e a' cleachdadh Gàidhlig na chuid obrach agus còmhla ri caraidean.
"Mura robh a' chòisir ann 'son cothrom a thoirt dhuinn a dhol chun a' mhòid 's dòcha nach bithinn far a bheil mi an-dràsta, ag obair ann an Gàidhlig agus tha tòrr charaidean agam le Gàidhlig agus tha mi a' bruidhinn Gàidhlig riutha tric," thuirt e.
Tha cuimhne mhath aige air an t-seòrsa stoidhle teagaisg a bha aig Chrissie.
"Nuair a bha sinn ag obair còmhla ri Chrissie, bha sinn ag obair, oir bha i ag iarraidh na 'results', mar gum biodh, agus na duaisean agus fhuair sinn na duaisean.
"Ach a-mach às an obair fhèin bha gach nì a rinn sinn spòrsail agus fhuair sinn cothroman air leth a bhith a' seinn air feadh a' bhaile agus a bhith a' dol air feadh na dùthcha leis a' Mhòd."
Tha Fearghas ag ràdh gun robh Chrissie gu math mionaideach gu h-àraidh a thaobh na Gàidhlig. Bha i airson 's gum biodh tuigse aig a' chloinn cò mu dheidhinn a bha iad a' seinn agus dh'iarradh i orra sin a dhèanamh follaiseach nuair a bha iad a' seinn.
Tha cuimhne aige turas i a' mìneachadh cho cudromach 's a bha e gun cumadh iad orra a' seinn ge bith dè a bha a' dol air adhart mun cuairt orra.
"Thuirt i rinn, 'fiù 's ma thèid boma a-steach tron doras cumaibh ur sùilean ormsa agus cum a' dol a' seinn!'"
Còisir Òg Loch Abair air an àrd-ùrlar an dèidh dhaibh buannachadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Eaglais Bhric ann an 2008
Lean Fearghas a' dol gu Chrissie às dèidh dha a' chòisir fhàgail 's e ann am farpaisean seinn aon neach. Fo a stiùir choisinn e Bonn Sheumais C Mhic a' Phì.
'S iomadh duine eile a chaidh thuice cuideachd. B 'i an tè-naidheachd Eilidh Davies tè dhiubh.
Le Chrissie ga teagasg, bhuannaich Eilidh an t-Aigeallan Airgid ann an Dùn Omhain ann an 2000, agus air ais sa bhaile sin ann an 2012 fhuair i Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich.
"Bha Chrissie cho, cho moiteil. Ged a bha i rud beag cruaidh, bha i gu math coibhneil cuideachd," thuirt Eilidh.
Fad bhliadhnaichean bhiodh Eilidh a' dol gu taigh Chrissie a h-uile seachdain.
"Dh'ionnsaich mi an t-uabhas òran, faclan agus sgeulachdan gach òrain. Bha sin gu math cudromach do Chrissie. Bha i cho fialaidh le a cuid ùine.
"Thug i buaidh mhòr orm. Mura b' i Chrissie cha bhithinn na mo sheinneadair Gàidhlig. Bha i gu math sònraichte agus bidh cuimhne agam oirre gu bràth."

Eilidh agus a màthair, Anne Davies, còmhla ri Chrissie an dèidh do dh'Eilidh Bonn Òir a' Chomuinn Ghaidhealaich a bhuannachadh ann an 2012
Ann an 2007 chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air Chrissie - Saorsa Loch Abair airson an obair a rinn i gu saor-thoileach a thaobh na Gàidhlig agus na còisir.
"Cha robh mise a' creidsinn a' Phròbhaist. Bha dùil agam gun robh e a' tarraing mo choise," thuirt Chrissie aig an àm.
Ged a thug an t-urram cead dhi dròbh chaorach a thoirt suas a' Phrìomh Shràid, agus an càr a thoirt suas an dearbh shràid agus leum a-steach gu bùth no dhan bhanca, thuirt i nach robh dùil aice brath a ghabhail air a sin idir.

Chrissie a' faighinn urram Saorsa Loch Abair
Bha an t-urram sin mar shamhla air a' bheachd a bh' aig muinntir na sgìre oirre.
"Bha meas mòr oirre. Bha sinn uile a' faicinn an obair a bha i a' dèanamh agus cho soirbheachail 's a bha i. Bha teaghlaichan, a' choimhearsnachd, cho measail oirre," thuirt a caraid Catriona Nic an t-Saoir.
Chuir Chrissie na seachd bliadhna mu dheireadh de a beatha seachad ann an dachaigh-chùraim ann am Fìobha far an robh i nas fhaisge air a teaghlach agus far am biodh i fhathast a' gabhail òran.
Chaochail i sa Ghiblean beagan làithean mus robh i 90 bliadhna de dh'aois.

Chrissie leis a' chòisir aice an dèidh dhi urram Saorsa Loch Abair fhaighinn