Am fear-coiseachd a thàinig beò à "trom-laighe fada dorcha"

Ian Currie air turas bho chionn dà bhliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha fear-coiseachd, 76, a bha air chall fad ochd là ann an sgìre iomallach air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gun robh na dh'fhiosraich e coltach ri "trom-laighe fada dorcha".
Bha Ian Currie, à Dùn Èideann, air a bhith a' feuchainn ri coiseachd à Gleann Fhionnainn gu ruige Chnòideirt nuair a fhuair e fhèin ann an cruaidh-chàs am fìor dhroch shìde.
'S e astar 30 mìle tarsainn talamh monadail, aibhnichean agus boglaichean ach chan eil ceum comharraichte ann.
Tha e mar phàirt de Shlighe a' Phairbh agus mar as àbhaist tha e a' toirt trì là.
Dh'innis e don BhBC gun robh dùil aige gum bàsaicheadh e ach gun robh e air leth taingeil dhaibhsan a rinn cobhair air.
"Tha mi cho toilichte gun tàinig mi beò às," thuirt Mgr Currie aig a bheil aon ogha.
"Bha mi a' smaoineachadh ma tha mi marbh cha bhi fios agam a chaoidh mar a chaidh le m' fhear-ogha sna deuchainnean aige agus dè mar a tha mo charaidean agus tha mi a' creidsinn gun cùm sin a' dol mi ach 's e trom-laighe fada dorcha a bh' ann.
"Cha tèid mi a chaoidh tuilleadh far slighe cheart mar sin, dh'ionnsaich mi dè nach eil comasach dhomh."

Dealbh a thog Ian Currie den làrach-champachaidh aige mus deach cùisean ceàrr
Tha Mgr Currie eòlach air a bhith a' coiseachd nam beann agus dh'fhalbh e air an 16mh den t-Sultain an dèidh siubhal a Ghleann Fhionnainn air an trèana.
Bha e air cur roimhe coiseachd 15 mìle gach là airson an ceann-ùidhe aige a ruighinn ann an dà là - ach chaidh dàil a chur air gu math luath.
"Chan eil ceum oifigeil ann. Ma choimheadas tu air mapa tha loidhnichean de dhotagan beaga ann ach nuair a tha thu ann chan eil iad sin ann oir tha an talamh cho fliuch agus tha cùrsa na h-aibhne a' dol tro ghleann chumhang," thuirt Mgr Currie.
"Mar sin, tha thu suas gu do ghlùinean san abhainn gu math tric agus feumaidh tu faighinn seachad air far a bheil creag mhòr neo eas, mar eisimpleir.
"Feumaidh tu an abhainn a leantainn agus b' e sin an duilgheadas leis gun robh i na tuil leis an droch shìde.
"Chaidh mi suas gu mo mhàs sa pholl"
Air an dàrna oidhche bha e na laighe san teanta aige ach cha b' urrainn dha cadal air sgàth onfhadh na h-aibhne agus na gaoithe.
An ath-là dh'fheuch e ri faighinn seachad air eas mòr air a mhàgan air "talamh fìor bhog".
"Bha an clàbair agus cho fliuch 's a bha e a' toirt an neairt asam agus a' cur maill orm agus aig aon àm chaidh mi suas gu mo mhàs sa pholl agus bha e gu math doirbh faighinn às," thuirt e.
Chaidh e air seachran gu math luath agus air an treas oidhche bha an teanta aige bog fliuch cho math ris a' phoca-cadail agus am fòn-làimhe aige, 's dh'fhàg sin nach b' urrainn dha fònadh airson taic iarraidh.
- Air fhoillseachadh19 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain
Chuir e seachad dà oidhche ann, claoidhte agus glacte ann air sgàth na sìde gairbhe.
"Bha mo chorp gu lèir air chrith leis an fhuachd agus 's e an rud a bu mhiosa nach rachainn air cadal agus nach robh càil ann a b' urrainn dhomh a dhèanamh airson faighinn a-mach às an sin," thuirt e.
Mun àm seo, bha caraid Mhgr Currie air fios a chur air na seirbheisean èiginn leis nach do nochd e mar a bha dùil aig an ostail ann an Cnòideart.
Na laighe san teanta fhliuch aige bha Mgr Currie an dòchas gun tigeadh taic ach cha chuala e fuaim an heileacoptair.
"Bha mi a' faireachdainn cho dona agus bha mi nam laighe ann an sin agus a' smaoineachadh 'dè cho fada 's a tha e a' toirt bàsachadh leis an fhuachd?'," thuirt e.
"Bha mi cinnteach às gun robh mi a' dol a bhàsachadh agus nuair nach eil thu a' faighinn cadail tha do cheann a' dol fad na h-ùine agus bhithinn a' feuchainn ri smaoineachadh air rudan eile airson m' aire a thoirt air falbh bhon t-suidheachadh san robh mi."
Nuair a sguir an t-uisge lorg e fuaran às an òladh e airson am pathadh aige a shàsachadh ach bha e cho tinn nach b' urrainn dha càil ithe.
Chuir e roimhe a dhol air ais an taobh às an tàinig e.
"Bha mi air mo mhàgan agus air mo mhàs air an talamh bhog," thuirt e.
Bhiodh e a' coiseachd airson 10 mionaidean agus an uair sin a' làighe fad 10 mionaidean air a dhruim-dìreach le a bhaga-droma fhathast air.

Thog Ian Pooleman bho Sgioba-teasairginn Bheanntan Loch Abair an dealbh seo nuair a bha iad a-muigh a' coimhead airson Ian Currie
Air an ochdamh là thàinig e tarsainn carbad Sgioba-teasairginn Bheanntan Loch Abair ach cha robh duine na bhroinn leis gun robh iad a-muigh a' coimhead air a shon.
"B' e faochadh a bh' ann nuair a chunnaic mi e ach bha creag mhòr san rathad agus b' fheudar dhomh slaighdeadh sìos gu far an robh an carbad agus am baga-droma a shlaodadh às mo dhèidh, bha mi cho sgìth."
Mu dheireadh thall fhuair Sir Patrick Grant, leis a bheil loidse san sgìre, agus buidheann de shealgairean fèidh lorg air air a' 24mh den t-Sultain.
Bha Sir Patrick air leughadh sna naidheachdan ionadail gun robh Ian a dhìth.
"Bha dùil agam gun robh neach-coise air choireigin a' smèideadh rium ach nuair a fhuair mi na b' fhaisge air bhuail e orm gun robh an duine troimhe chèile agus stad mi agus dh'fhaighinich mi 'An tu Ian Currie?'
"''S mì' ars' esan, agus thòisich e gal.
"Bha e an droch staid agus thuirt mi 'bidh thu ceart gu leòr a-nis' agus thug sinn dhan loidse e agus bha e gu math deòrach.
"Rinn mo bhean agus an sgioba obair fìor mhath a' toirt dha teatha theth le siùcair ann agus a chuideachadh an t-aodach fliuch aige a chur dheth, bath teth fhaighinn dha agus ghlan mo bhean a chuid aodaich dha."

Ian Currie air cuairt air Monadh Pentland air iomall Dhùn Èideann
Cha robh fòn-làimhe Ian ag obair agus cha b' urrainn dha innse do a nighean gun robh e gu math. Dh'innis e do theaghlach Sir Patrick càite an robh i ag obair agus chuir iad fios oirre.
"Chuir e iongnadh orm nach robh e lag a' laighe air an làr an dèidh a bhith air chall airson ochd là," thuirt Sir Patrick.
Mhìnich e gun do bhàsaich grunn luchd-coiseachd, seann saighdear agus Gearmailteach nam measg, air a' mhonadh sin sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh agus gum bu chòir soidhnichean a bhith ann airson an t-slighe a chomharrachadh leis nach eil staran ann.
"'B' e an rud a b' fheàrr gun d' fhuair Sir Patrick àireamh fòn mo nighne gus am b' urrainn bruidhinn rithe," thuirt Mgr Currie.
"Bha i a' gal gun sguir agus a' rànail."

Tha beachd ann gum bu chòir slighe chomharraichte a bhith air Slighe a' Phairbh
A-nise, tha e airson taing a thoirt do Sgioba-teasairginn Bheanntan Loch Abair, oifigearan poilis agus saor-thoilich airson "an iomairt mhìorbhaileach" aca lorg fhaighinn air.
Thuirt Mgr Currie gun robh e cuideachd taingeil airson na taice a thug iad do na càirdean agus na caraidean aige.
Thuirt e cuideachd gun robh Sir Patrick agus a theaghlach air leth coibhneil dha.
Mar an ceudna, bha an luchd-obrach aig Ospadal a' Bhelford uile càirdeal agus cùramach ged "a bha iad trang a' coimhead às dèidh dhaoine a bha gu math nas bochda na bha mise", thuirt Mgr Currie.
"Bu mhath leam taing a thoirt don a h-uile duine às mo leth fhèin, às leth mo theaghlaich agus às leth mo charaidean."
Thuirt Ian Pooleman, bho Sgioba-theasairginn Bheanntan Loch Abair, gun robh iad air an dòigh ghlan gun d' fhuair iad lorg air Mgr Currie.
"Tha mi a' smaoineachadh gun robh e iongantach gun deach aige air tighinn beò às an dèidh ùine cho fada gun ach glè bheag de bhiadh, ann an àrainneachd cho garbh agus ann am fìor dhroch aimsir," thuirt e.