Am Mòd: mar a bha 's mar a tha ('s mar a bhitheas?)

Mòd 2025 (Dealbh bhon Chomunn Ghàidhealach)
  • Air fhoillseachadh

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail beò, slàn agus a' tòiseachadh anns a' Ghearasdan air an deireadh-sheachdain seo.

Tha àireamh nam farpaiseach suas am-bliadhna a-rithist, an dèidh bliadhnaichean tana Chovid, gu h-àraid am measg na cloinne.

'S e seo an naoidheamh turas aig a' Mhòd a bhith ann an Loch Abar.

Tha an Gearasdan air fhaicinn mar shàr-bhaile Mòid – anns a' prìomh lìog, mar gum biodh, còmhla ris an Òban, Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus, 's dòcha, Dùn Omhain. ("O, connspaideach a charaid!" – Fear-deasachaidh.)

'S e beathach iongantach – beathach seasmhach – a th' anns a' Mhòd. A dh'aindeoin nam bliadhnaichean agus atharrachadh tìm, tha e an seo fhathast. Cò an tachartas Gàidhlig eile a tha a' tàladh nam mìltean mòra cruinn còmhla gach bliadhna – eadar co-fharpaisich, luchd-tadhail agus na meadhanan.

Mura biodh am Mòd ann, dh'fheumadh tu feuchainn ri rudeigin coltach ris a chruthachadh.

Prògram Mòd 2025

Tha tarraing is draoidheachd a' Mhòid gan samhlachadh air còmhdach Prògram na bliadhna seo, leis an trèana - is smùid aiste - thar Drochaid-rèile Gleann Fhionnain, mar gum biodh Harry Potter fhèin a' dol ann le còisir à Hogwarts.

Freumhaichean

Bidh Mòd na bliadhna seo gu math coltach ris a h-uile Mòd a chaidh roimhe agus sin, ann an iomadh dòigh, far a bheil a neart. Chan ann ri beathach a bu chòir dhomh a bhith ga shamhlachadh, ach ri planntais, le freumhaichean a tha a' dol domhain.

Tha An Comunn Gàidhealach air dèanamh cinnteach, chun an seo, nach do chàirich iad rud nach robh briste – rud a tha fhathast gu ìre mhòir ag obrachadh. Tha eagal air a bhith ann nan deadh buntainn cus ris na freumhaichean – na co-fharpaisean seinn – gur dòcha gum biodh am planntais air bàsachadh chun an seo.

Chan eil sin ag ràdh nach eil na h-uimhir de dh'atharrachadh a dhìth, agus bidh Mòd na bliadhna seo gu math eadar-dhealaichte bho fheadhainn a bha ann an Loch Abar roimhe ann an iomadach dòigh.

Garaids Marshall & Pearson sa Ghearsadan
Fo-thiotal an deilbh,

Garaids Marshall & Pearson sa Ghearsadan, far an robh co-fharpaisean Mòid gan cumail suas gu na 1930an

Thug an fhèis greis a' ruighinn Loch Abair. Bha a' chiad thè aca ann an 1922, 25 bliadhna bho thòisich am Mòd an toiseach anns an Òban.

Bhathas a' dèanamh dheth nach robh an Gearasdan uabhasach goireasach air a shon, le dìth thallachan is eile, agus b' ann an garaids Marshall & Pearson a chaidh cuid de na co-fharpaisean a chumail.

Bha am Mòd aca a-rithist ann an 1927 agus 1932, agus abair gun robh coup aca aig an dàrna fear dhiubh sin – oir thadhail am Prìomhaire fhèin air a' Mhòd.

Ramsay DòmhnallachTùs an deilbh, Getty Images

Cha b' ann na dhreuchd oifigeil a chaidh Ramsay Dòmhnallach ann, ach còmhla ri a charaid an Dr Lachlan Grannd à Baile a' Chaolais. B' e seo ge-tà, cho fada 's as aithne dhuinn, an aon uair a-riamh a bha prìomhaire aig Mòd. Chaidh e gu co-fharpais ann an garaids Marshall & Pearson agus tha e coltach gun robh an dìle bhàithte ann, gun robh an t-uisge a' drùdhadh a-steach tro mhullach na garaids, agus gun deach am prìomhaire a fhliuchadh.

'S iongantach gun robh gnothach aig a sin ris, ach cha do thill am Mòd an uairsin fo sgàile Bheinn Nibheis airson 50 bliadhna.

B' e an t-adhbhar dha-rìribh, gun robh e a' fàs, agus nach robh a-rithist goireasan gu leòr ann air a shon. Chan fhaca na h-Abraich an fhèis nàiseanta air an starsnaich fhèin a-rithist gu na 1980an - 1981 agus 1985, an uairsin 1999, agus na dhà mu dheireadh ann an 2007 agus 2017.

Crìonadh

Tha an-diugh an Gearasdan gu math freagarrach air a shon le Ionad Nibheis, a thogadh anns na 1990an, aig cridhe chùisean.

'S e fìor dheagh naidheachd a th' ann gu bhèil àireamhan math ann an co-fharpaisean na cloinne a-rithist am-bliadhna, an dèidh na tàire a thug Covid dhaibh.

Ach cha ghabh dol às àicheadh gu bheil am Mòd air crìonadh ann an seagh anns na bliadhnaichean mu dheireadh an seo a thaobh àireamhan ann an cuid de cho-fharpaisean nan inbheach.

Tha sin na chomharra, 's cinnteach, air mar a tha a' Ghàidhlig fhèin air crìonadh anns na coimhearsnachdan bho bha am Mòd aig àirde eadar na 1950an agus an 1980an.

Cha leig thu leas ach coimhead air co-fharpaisean mòra leithid a' Bhuinn Òir agus an t-Seann Nòis, far an robh uaireigin na ficheadan a' dol a-steach air an son, eadar fireannaich is boireannaich.

Na fir a bha a-staigh airson a’ Bhuinn Òir aig Mòd Nàiseanta Dhùn Omhain 1968Tùs an deilbh, LEABHARLANN NÀISEANTA NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Na fir a bha a-staigh airson a' Bhuinn Òir aig Mòd Nàiseanta Dhùn Omhain 1968

Nuair a bha am Mòd ann an Dùn Omhain ann an 1968, bha 32 de dh'fhireannaich a-staigh airson a' Bhuinn Òir.

Chan eil ann am-bliadhna ach triùir, agus tha a' cho-fharpais sin air a bhith truagh a thaobh nam fireannach bho chionn iomadh bliadhna.

Duilleag à prògram Mòd 2025
Fo-thiotal an deilbh,

Dìreach triùir fhireannach a tha air an ainm a chu a-steach airson Bonn Òr a' Chomuinn am-bliadhna

Tha na boireannaich fhathast nas measaile air a' Bhonn Òr, le ochdnar aca a-staigh am-bliadhna. Ach bha a thrì uimhir aca ann ann an 1968 – 28 dhiubh.

Fiù 's nuair a thòisich Bonn Òr airson Seinn 's an t-Seann Nòs ann an 1971, bha fhathast mòran a' dol a-steach airson Bonn a' Chomuinn anns an àrd-stoidhle – 36 de bhoireannaich nuair a bha am Mòd ann an Loch Abar ann an 1985.

Bha 26 de dh'fhireannaich ann.

Duilleag à prògram Mòd 1985Tùs an deilbh, LEABHARLANN NÀISEANTA NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Boireannaich a' Bhuinn Òir aig Mòd Loch Abair ann an 1985

Bha a' cheart uimhir a' feuchainn air farpais an t-Seann Nòis, a bha a-nis a' fàs nas cudromaiche do na Gàidheil seach stoidhle car fuadan a' Bhuinn Òir fhèin, le 27 boireannach agus 12 fireannach a-staigh.

Duilleag à prògram Mòd 1985Tùs an deilbh, LEABHARLANN NÀISEANTA NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

39 a' seinn san t-seann nòs aig Mòd 1985, eadar fireannaich is boireannaich. 'S e 16 a th' ann am-bliadhna.

Tha na h-àireamhan a' togail tòrr cheistean nach eil furasta am freagairt. An e gu bheil na seann cho-fharpaisean a-nis seann-fhasanta agus nach eil ùidh aig daoine annta? An tarraingeadh seinn eadar-dhealaichte, leithid nòsan ùra le ionnstramaidean, barrachd nan deadh an aon chliù a thoirt dhaibh 's a tha aig na Buinn Òir? No an e dìreach gu bheil cultar is fìor shluagh na Gàidhlig air crìonadh san dùthaich 's nach eil uimhir ann a nì e?

Tha aon rud cinnteach: bidh iadsan aig a bhèil ùidh ann an seinn òrain Ghàidhlig air am beò-ghlacadh leis na buinn am-bliadhna a-rithist.

Leis a' Chomunn Ghàidhealach an-dràsta an sàs ann an conaltradh air am Mòd Nàiseanta ùrachadh, 's e an dùbhlan a tha romhpa dualchas nan òran Gàidhlig agus dualchas a' Mhòid a ghlèidheadh, ach rudan ùra a chur ris.

Brosnachadh

'S e aon amas, 's cinnteach, daoine a tha nan seinneadairean a bhrosnachadh airson seinn aig na co-fharpaisean – feadhainn mhòra nam bonn gu h-àraid. Glè thric tha feadhainn a' feuchainn air na buinn, chan eil iad a' buannachadh, 's chan eil iad a' nochdadh aig a' Mhòd tuilleadh.

Nach biodh e math nam biodh daoine a' coimhead air an rud, chan ann a-mhàin mar cho-fharpais a dh'fheumas iad a bhuannachadh, ach mar fhèill seinn tro bheil iad a' toirt tòrr tlachd dhaibh fhèin 's dha na tha gan èisteachd. Chan urrainn ach aon neach gach bonn a bhuannachadh gach bliadhna.

Sin as coireach gu bheil e na thlachd a bhith a' faicinn an fheadhainn a tha a' tilleadh a-rithist 's a-rithist. Tha co-fharpais seann nòs nam fear meadhanach falainn a-rithist am-bliadhna, seach Bonn Òir a' Chomuinn, air sgàth 's gu bheil tòrr de na seòid sin a' tilleadh bliadhna às dèidh bliadhna. Tha grunn math aca làn-airidh air a' bhonn, agus thig e dhaibh là-eiginn. Ach nach mòr an tlachd a dh'fhaodadh an t-seinn aca a thoirt dhuinn chun an sin?

Cò aige a tha fios nach gabhadh na ficheadan brosnachadh gu fèill seinn mhòr àlainn a thoirt dhuinn bliadhna às dèidh bliadhna a-rithist, bonn ann no às?