O Cheòl Garaids sa Ghearasdan gu Mòd an là an-diugh

B' e Raghnall Camshron a chuir an taisbeanadh air dòigh
- Air fhoillseachadh
Chan e a h-uile là a bhios mòd aig Marshall and Pearson.
Ach an creideadh sibh gun do thachair e trì tursan? No gur e a bh' ann ach garaids?
Nuair a chaidh am Mòd a chumail an toiseach sa Ghearasdan ann an 1922, cha robhas a' meas talla a' bhaile mòr gu leòr 'son leithid de thachartas.
'S e chleachd iad ach garaids sa bhaile - Marshall and Pearson - 's cha robh àite na b' fheàrr na sin ann ann an 1927, no ann an 1932 nuair a chaidh am Mòd a chumail sa bhaile a-rithist.

Chan e a h-uile là a bhios pennny-farthing agus Ford Model T aig Marshall and Pearson a bharrachd
Aig fear de na Mòdan sin, gu dearbh, thadhail am Prìomhaire, Ramsay Dòmhnallach, air a' Mhòd, 's bha mullach a' gharaids cho truagh 's gun d' fhuair e a fhliuchadh air an deagh là Abrach a bh' ann.
Tha sin uile am measg na tha ri fhaicinn ann an taisbeanadh air iomall a' Mhòid sa Ghearasdan - nach eil ga chumail ann an garaids, ach ann an Ionad Nibheis - a' sealltainn cò ris a bha na h-ochd mòdan a bha sa bhaile roimhe coltach.

"Rainig am Mòd Nàiseanta Rìoghail an Gearasdan 30 bliadhna às dèidh a' chiad Mhòod san Òban," thuirt Raghnall Camshron, a chuir an taisbeanadh air dòigh.
"Ach bha an Comunn den bheachd nach robh talla a' bhaile againne math gu leòr, no mòr gu leòr.
"Ach chuir tè air an robh Miss Juliet NicDhòmhnaill ìmpidh orra an garaids mòr seo a chleachdadh, agus lean trì mòdan soirbheachail às dèidh sin."

Garaids Marshall and Pearson
Cuiridh an smuain sin iongnadh air cuid 's dòcha san là a th' ann. Gu dearbh, faodar a bhith cinnteach gun do chuir aig an àm!
"Aig amannan tha daoine a' gearain mu dheidhinn na fuaime ann an Ionad Nibheis, ach dè mu dheidhinn garaids? Garaids air a bheil mullach sionc?" thuirt Raghnall.

Seonaidh MacGille a' Bhrataich agus athair aig Mòd Dhùn Dè ann an 1937
B' ann aig Mòd 1922 a fhuair Seonaidh MacGille a' Bhrataich - a bha a' cluich rugbaidh do dh'Alba - am Bonn Òir fon mhullach sionc a bha siud.
"Thuirt e gun robh an t-uisge a' sileadh fhad 's a bha e a' seinn agus cha b' urrainn do na britheamhan ga chluinntinn air a sgàth," thuirt Raghnall.

Bha Seonaidh MacGille a' Bhrataich (taobh chlì, na shuidhe, san t-sreath sa mheadhan) a' cluich rugbaidh do dh'Alba, còmhla ri fear ainmeil eile, Eric Liddell (na shuidhe air an taobh dheis, aig an aghaidh) an aon bhliadhna a bhuannaich e am Bonn Òir
Tha fhios nach b' e sin a bu choireach gun do bhuannaich e, 's an duine air a dhol air adhart gu bhith na cheann-suidhe air a' Chomunn Ghàidhealach fhèin.
Tha dealbh de Sheonaidh san taisbeanadh 's e na sheasamh ri taobh athar aig Mòd Dhùn Dè ann an 1937, bliadhna mus deach athair na cheann-suidhe air a' Chomunn, le a mhac a' gabhail na dreuchd ann an 1951.

Juliet "Sìleas" NicDhòmhnaill, a bha gu mòr an sàs ann a bhith a' cur air dòigh mhòdan ann an Loch Abar
Tha dealbh eile san taisbeanadh de thè de dh'urrcha-mòra Loch Abair, Juliet "Sìleas" NicDhòmhnaill - an tè ud a chuir an garaids air dòigh 'son a' Mhòid ann an 1921.
"Leadaidh shònraichte a bh' ann an Sìleas," thuirt Raghnall.
"'S ann de dh'uaislean na sgìre seo a bha i. A' Cheapach saoilidh mi.
"Bha an sìn-sheanair aice a-muigh air taobh a' Phrionnsa aig àm Bliadhna Theàrlaich, agus bha bràthair a seanar na cheannard air na Gòrdanaich aig àm Blàr Waterloo.

An talla bhaile a bha ro bheag dhan Mhòd, 's a chaidh a sgrios le teine ann an 1975
"Bha ise làidir airson na Gàidhlig - chuir i Còisir Òg Loch Abair air dòigh agus thòisich i Mòd ionadail na cloinne. Stèidhich i an Comann Abrach agus meur Loch Abair den Chomuinn Ghàidhealaich."
Cha b' e sin uile 's a rinn a' bhan-Abrach mhoiteil seo - 's i a chuir Mòdan Loch Abair air dòigh, agus mura b' e gur e boireannach a bh' innte, b' ise tè-ghairm a' Mhòid.
Gu nàdarra ge-tà, cha b' urrainn (chan fhaodadh) do bhoireannach leithid de dh'obair a dhèanamh.

Ramsay Dòmhnallach agus nota nam Poileas mun turas - a' moladh oifigear a chur ri taobh an dorais 'son a chumail sàbhailte.
B' ann an 1932 a thadhail am Prìomhaire Ramsay Dòmhnallach air a' Mhòd sa Ghearasdan, 's e air cuireadh fhaighinn bho chàirdean a bh' aige san sgìre.
B' e rud ge-tà, nach robh an aimsir ro mhath, 's fhuair e fhèin, mar a fhuair feadhainn eile roimhe, a fhliuchadh fon t-sàr-mhullach sionc sa gharaids.
- Tùs an deilbh, Iain Fearghasdan
Fo-thiotal an deilbh, Aodann no dhà a dh'aithnichear 's iad pìos math nas òige aig a' Mhòd sa Ghearasdan ann an 2007
1 de 6
Bha talla a' bhaile air losgadh gu làr 's chaidh Ionad Nibheis a thogail mus do thill am Mòd dhan Ghearasdan cha mhòr 50 bliadhna an dèidh sin ann an 1981. Cho fad 's is fiosrach sinn cha tuirt Coinneach Odhar dad mun leithid.
Tha an taisbeanadh fosgailte, aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar sa Ghearasdan gu deireadh na Dàmhair.