Cuimhneachain air Drochaid an Eilein Sgitheanaich 30 bliadhna on dh'fhosgail i

- Air fhoillseachadh
Càite an deach na bliadhnachan?
Siud a' cheist as motha a tha ag èirigh agus a tha a' tighinn air ais thugad is tu a' togail air gu bheil 30 bliadhna ann bhon là a chaidh an ribean a ghearradh air Drochaid an Eilein Sgitheanaich.
Bha siud air an 16mh den Dàmhair 1995, an dèidh dà bhliadhna ga togail, agus iomadh bliadhna a' bruidhinn air an leithid a thoirt a-steach an àite na seirbheis-aiseig a bha a' riuth eadar Caol Acainn agus Caol Loch Aillse.
"Bha mise glè thoilichte an drochaid fhaicinn."
Chan eil mòran ionndrainn aig a' mhnaoi-Sgitheanach Peigi Wood air a bhith a' seòladh air ais is air adhart.
"Bha trì mionaidean sa bhàta-aiseig fad gu leòr leamsa – chan e seòladair a th' annam idir.
Tha i cuideachd a' cuimhneachadh air cho teagmhach is a bha daoine gun tigeadh i gu bith: "'S iomadh daoine a chanadh 'Chan fhaic thusa an drochaid – chan fhaic thusa an drochaid.' Ma, chunnaic mi an drochaid!"

Peigi Wood, ban-Sgitheanach a tha a' fuireach sa Chaol, agus nach eil idir ag ionndrainn an aiseig a bh' ann mus robh an drochaid ann!
Chaidh an drochaid a thogail air cosgais £27m, le airgead prìobhaideach an lùib a' mhaoineachaidh, mar Public Finance Iniative (PFI).
Bha sin a' ciallachadh gun deach cìs a chur air luchd-cleachdaidh na drochaide.
B' iad na prìsean a b' àirde san Roinn Eòrpa – le cìs £10.40 airson càr a dhol air ais is air adhart.
Chaidh cur às do na cìsean ann an 2004, agus thàinig iomadh atharrachadh air an Eilean bhon uairsin – le fàs mòr dha-rìribh air turasachd, gu h-àraidh san 10 bliadhna fa dheireadh.

Na cìsean a bh' air Drochaid an Eilein Sgitheanaich
A rèir an fhir-eachdraidh Sgitheanaich, Cailean MacIllEathain, bha atharrachaidhean air fàire co-dhiù.
Thuirt e: "Ma dh'fhaoidte gun do chuir an drochaid cabhag orra, agus ma dh'fhaoidte gun robh atharraichean ann nach robh dùil againn ris.
"Tha rudan matha air tachairt agus tha corra rud dona air tachairt, ach chanainn gu bheil a' mhòr-chuid de mhuinntir an Eilein Sgitheanaich gu mòr airson na drochaide."

Cailean MacIlleathain, sgrìobhadair is fear-eachdraidh Sgitheanach
Ma bha call an lùib na drochaide a bhith a' tighinn, 's dòcha gu bheil Caol Acainn air call a-mach is nach fheum carbadan a tha a' tighinn thar a' Chaolais thighinn tron bhaile sin tuilleadh.
Ach, a rèir Dhòmhnaill Iain MhcIllFhinnein, Sgalpach a tha air a bhith còrr is 60 bliadhna a' fuireach ann an Caol Acain, cha do rinn i cus cron.
"Cha do rinn e diofar mòr air Caol Acain. Tha sinn ag ionndrainn aiseagan ceart gu leòr, ach tha Caol Acainn fhathast trang."
'S e ceangal ùr a tha a-nise air fàire dha Dòmhnall Iain: "Bhiodh e math nam biodh drochaid a-null dha na Hearadh, no tunail!"

Dòmhnall Iain MacIllFhinnein, Sgcalpach a tha air a bhith còrr is 60 bliadhna a' fuireach an Caol Acain
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair 2015
- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair 2019
- Air fhoillseachadh20 An Dùbhlachd 2019