"Is lugha orm a bhith nam cheannard ann an ainm a-mhàin"

Le cead bho Leabharlannan agus Taighean-tasgaidh Oilthigh Chill Rìmhinn, ID: LHG-2-33
- Air fhoillseachadh
"Is lugha orm a bhith na mo cheannard ann an ainm a-mhàin" - sin a thuirt Màiread Burnley Chaimbeul nuair a dhiùlt i dreuchd Ceann-suidhe Urramach a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1906.
Cha robh dreuchd "urramach" a' freagairt air a' Bh Ph Burnley Chaimbeul idir.
Bha ise nas cleachdte ri a bhith an sàs ann an obair agus gu dearbha bha i gu math trang nuair a fhuair i dreuchd a' chinn-suidhe a' bhliadhna às dèidh sin ann an 1907.
Am measg nan rudan a rinn i chuir i An Comunn Gàidhealach air bun-stèidh ionmhais cheart airson a' chiad uair.
Cha b' i a' chiad bhoireannach a bha na ceann-suidhe air a' Chomunn, ach an treas tè.
Ach dh'fhaodar a ràdh gur i a' chiad tè a rinn an obair ann an dha-rìribh leis gur e cinn-suidhe "urramach" a bha anns a' Bhan-Iarla Chromba (1904-1905) agus a' Bhana-Phrionnsa Louise, Bana-Dhiùc Earra Ghaidheal (1905-1906).
"Boireannach làidir"
Bha Màiread Burnley Chaimbeul eòlach air a bhith a' ruith ghnothaichean. 'S ann aice-se, seach an duine aice, a bha oighreachd bheag Ormadail faisg air Gleann Da-Ruail ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal.
Bha i na cathraiche air a' bhòrd-sgoile ionadail - rud nach robh mòran bhoireannach a' dèanamh aig an àm - agus tha coltas ann gun robh i gu math comhfhurtail a' bruidhinn air àrd-ùrlar.
Coltach ri iomadh buidheann aig an àm, cha robh a h-uile duine a' cur fàilte air boireannaich ann an dreuchdan oifigeil a' Chomuinn Ghàidhealaich le cuid de dh'fhir a' cleachdadh briathran leithid "petticoat clique, "suffragette president" agus "petticoat bossing" ann an litirichean gu Calum MacPhàrlain - a bha gu mòr an sàs ann an obair a' Chomuinn.
Tha an Dr Priscilla Scott, a rannsaich boireannaich ann an tràth bhliadhnaichean a' Chomuinn, ag ràdh nach robh e furasta dha taobh seach taobh.
Thuirt i: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e doirbh an-diugh a bhith a' tuigsinn cho duilich 's a bha e ann an dòigh airson na fir a bhith ag obair còmhla ri boireannaich, oir thairis air an linn Bhictorianach bha boireannaich agus fireannaich caran sgaraichte, gu h-àraidh ann an rudan poblach, agus cha robh na fir cleachdte ri bhith aig coinneamhan far an robh boireannaich ann cuideachd.
"Le sin, bha e doirbh dhaibhsan agus cha robh e furasta idir do na boireannaich, ach bha iadsan cho mòr airson a bhith an sàs ann an cùisean. Bha iad gu math làidir. Bha iad misneachail agus tha mi a' smaoineachadh nach robh na fir cleachdte ri sin."

Duilleag bho leabhran Fèill a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an Glaschu ann an 1907. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fo chùmhant Creative Commons (CC-BY), taobh a-muigh
Bha Màiread Burnley Chaimbeul gu mòr an luib ghnothaichean Gàidhlig.
Stèidhich i meur ionadail dhan Chomunn Ghàidhealach agus bha i gu mòr an sàs sna tachartasan a bha iad a' cur air dòigh leithid dràma Gàidhlig, deasbadan agus seirbheisean eaglais sa Ghàidhlig.
Ach 's dòcha gur e an obair a rinn i gus airgead a thrusadh dhan Chomunn Ghaidhealach a dh'fhàg i a' faighinn cuireadh airson a bhith na ceann-suidhe.
Ann an 1907 - às dèidh bliadhna gu leth de dh'obair ullachaidh - chuir i air dòigh tachartas mòr ann an Glaschu air an robh Fèill a' Chomuinn Ghàidhealaich.
Mhair an fhèill trì là agus bha diofar stàlaichean agus bùitean ann a' riochdachadh diofar sgìrean.
Rinn An Comunn £8,000 às an fhèill - rud beag goirid air an tairgead de £10,000 - ach airgead iongantach aig an àm, mu £800,000 an-diugh.
A rèir an Dr Priscilla Scott bha an t-airgead sin "bunaiteach" dhan Chomunn aig an àm sin: "Mura b' e gun do thachair sin 's dòcha nach biodh an Comunn air cumail a' dol. Bha iad air mòran leudachaidh a dhèanamh air na mòdan agus mar sin bha airgead a' falbh.
"Saoilidh mi gun robh e fìor, fìor chudromach gun d' fhuair iad airgead mar sin aig an àm sin."
An Dr. Priscilla Scott a' mìneachadh cho cudtromach 's a bha an t-airgead a chaidh a thogail aig an fhèill dhan Chomunn Ghàidhealach
B' e Gaidhlig ionnsachadh a rinn a' Bh Ph Burnley Chaimbeul agus bha a bhith a' brosnachadh a' chànain cudromach dhi.
Bha i airson 's gum biodh An Comunn fhèin a' cleachdadh barrachd Gàidhlig.
Bha i a' pùtadh teagasg Gàidhlig ann an sgoiltean.
An dèidh turas a dh'Èirinn bha i ag ràdh gum bu chòir soidhnichean dà-chànanach a bhith air rathaidean, bùitean agus stèiseanan rèile na dùthcha - rud nach d' fhuair tòrr taic aig an àm.
'S i cuideachd a thòisich sgoiltean sàmhraidh Gàidhlig.
Chaidh a' chiad tè a chumail ann an 1909 ann an Drochaid Ruaidh ann an Loch Abar.
Bha a' Bh Ph Burnley Chaimbeul a' tuigsinn cho cudromach 's a bha e do luchd-ionnsachaidh ùine a chur seachad ann an coimhearsnachdan Gàidhlig.
Mhair na sgoiltean samhraidh mìos agus bha na h-oileanaich a' fuireach còmhla ri muinntir na sgìre.
Tha an Dr Scott a' dèanamh dheth gun do mhair na sgoiltean sin gu meadhan na 50n no mar sin: "An-diugh tha iad fhathast a' dol aig an t-Sabhal Mhòr 's aig Ceòlas agus ann an àitichean eile agus tha sinn a' tuigsinn an aon rud, cho cudromach 's a tha e blas na Gàidhlig fhaighinn ann an sgìre far a bheil Gàidhlig fhathast aig na daoine.
"Ach bha Mairead Burnley Chaimbeul a' faicinn sin agus a' tuigsinn sin aig toiseach na 20mh lìnn."

Chaidh an ìomhaigh Cheilteach seo a thoirt do Mhairead Burnley Chaimbeul nuair a dh'fhàg i An Comunn Gàidhealach ann an 1933. Dealbh bho chruinneachadh Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Rud eile a thuig i 's e cho cumhachdadh sa tha òran brosnachaidh nuair a tha daoine ga sheinn còmhla.
'S i a mhol - ann an 1907 - gun cleachdadh An Comunn Gàidhealach an t-òran 'Suas Leis a' Ghàidhlig' mar òran na buidhne agus dh'iarr i air na còisirean a bha a' farpais ionnsachadh airson a sheinn còmhla aig cuirm mhòir a' Mhòid.
Chan e a-mhàin gun deach gabhail ris a sin, còrr is 100 bliadhna às a dhèidh thathas fhathast ga sheinn aig an dearbh thachartas.