Inbhe dìon do làraich dhìneasairean san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
Lorgan coise dìneasairTùs an deilbh, Dualchas Nàdair na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Lorgan coise dìneasair aig a' Chorran ann an Stafainn

Tha inbhe ghlèidhte laghail ùr a' cur dìon air làraich Dhiùrasach san Eilean Sgitheanach airson nan ginealaichean a tha ri teachd.

Tha fianais aig na làraich an ear-thuath den eilean air na beathaichean mòra a bha uair a' fuireach ann bho chionn nam mileanan mòra de bhliadhnaichean.

Bha Ministear nan Cùisean Dùthchail agus na h-Àrainneachd, Màiri Gougeon BPA, aig Taigh-tasgaidh Stafainn anns a bheil cruinneachadh de chnàmhan dhìneasairean agus lorgan coise a fhuaireadh san sgìre.

Chuir i a h-ainm ri Òrdugh Glèidhteachais Nàiseanta (NCO) a tha ag amas air bacadh a chur air daoine bho bhith a' dèanamh millidh air fosailean tearc agus an toirt air falbh.

Ministear na h-Àrainneachd, Màiri Gougeon, Dùghal Ros, Cailean MacPhàideinTùs an deilbh, Skye Commercial Photography
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir Ministear nan Cùisean Dùthchail agus na h-Àrainneachd, Màiri Gougeon, a h-ainm ri Òrdugh Glèidhteachais Nàiseanta aig Taigh-tasgaidh Stafainn

Tha an NCO cuideachd a' brosnachadh mhuinntir an àite agus an t-sluaigh air fad fios a chur air na h-ùghdarrasan ma lorgas iad fosailean.

Tha cuid air cron a chèanamh air fosailean cudromach le bhith ag obair orra le òrd agus an toirt às an eilean gu cruinneachaidhean prìobhaideach.

'S e prìomh àite na h-Alba a th' ann an sgìre Thròndairnis airson na gheibhear ann de dh'fhianais mu fhiadh-bheatha bho Mheadhan na Linne Diùrasach .

Nam measg, tha fosailean de dhìneasairean fìor òg agus chithear ann an Taigh-tasgaidh Stafainn an lorgan cloiche cuide ri lorgan coise inbhich.

Thathar an dùil gum faighear fhathast san Eilean Sgithanach fianais de shnàgairean itealaich, agus ma thig dearbhadh air an seo bidh inbhe eadar-nàiseanta aig an eilean a thaobh na th' ann de dh'fhosailean dhìneasairean.

Lorgan coise dìneasairTùs an deilbh, Skye Commercial Photography
Fo-thiotal an deilbh,

Lorgan coise dìneasair aig Taigh-tasgaidh Stafainn

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd Nàdarra, Màiri Gougeon: "Tha an t-òrdugh laghail seo na cheum cudromach ann a bhith a' dìon agus a' glèidheadh an dualchais nàdarra seo airson nan ginnealaichean ri thighinn.

Tha an creag-eòlaiche, Cailean MacPhàidein, bho Dhualchas Nàdair na h-Alba ag ràdh gu bheil e fìor chudromach gum bi cnàmhan dhìneasairean agus an lorgan air an glèidheadh.

"Tha an NCO a' toirt a-steach chladaichean a tha a' crìonadh mean air mhean le neart nan tonn agus 's e sin a tha a' fàgail gu bheil sinn a' faighinn lorg air na fosailean agus na lorgan coise sa chreig.

"Tha seo a' cur gu mòr ris an eòlas againn mun àrainneachd nuair a bha na beathaichean beò agus an ceangal a th'aca ri creutairean a tha beò air thalamh an-diugh," thuirt e.

Dùghall Ros, Màiri Gougeon agus Cailean MacPhàideinTùs an deilbh, Skye Commercial Photography
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Dùghall Ros leis a bheil Taigh-tasgaidh Stafainn am prìomh fhosail cudromach aige ann an 1982

'S ann le Dùghall Ros a tha Taigh-tasgaidh Stafainn; lorg esan a' chiad rud cudromach ann an 1982.

Thuirt e: "Tha e cudromach gum bi a h-uile duine ag obrachadh còmhla airson buannachd fhaighinn às an òrdugh.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine a tha a' fuireach an seo agus tha den beachd gum faodadh fosail beathaich a bhith aca - neo cnàimh neo fiacal dineasair - fios a chur thugainn aig Taigh-tasgaidh Stafainn airson comhairle.

"Tha sinn a' brosnachadh a h-uile duine a bhith a' dol a-mach a' lorg chnàmhan, fhosailean agus eile, a bhith ag innse sin do dheòlaichean agus a bhith gan glèidheadh - ach chan ann a bhith gan cumail dhaibh fhèin," mhìnich e.