Àrd-Oifigear ùr do Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh

Àrd-Oifigear ùr Stòrais
Chaidh Darren Mac an Tàilleir ainmeachadh mar àrd-oifigear eadar-amail na buidhne Stòras Uibhist.
'S ann ag obair mar Mhanaidsear Stiùiridh do stèisean rèidio coimeirsealta ann an Sasainn a tha Maighstear Mac an Tàilleir air a bhith fad grunn bhliadhnaichean.
A rèir na buidhne, tha deagh eòlas aige air a bhith a' ruith ghnìomhachasan soirbheachail agus a' stiùireadh bhuidhnean gu làidir agus gu h-èifeachdach.
Chuir e Sgìre Leasachaidh Ghnothachais ann an Kings Lynn air bhonn, agus tha e air a bhith na chathraiche air a' bhuidhinn sin bhon a thòisich e.
Cothrom
Thuirt Maighstir Mac an Tàillear, a tha pòsta le aon nighean, gun robh e air leth toilichte cothrom mar seo fhaighinn.
"'S e obair àraid a tha seo agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' togail air an deagh obair a tha a' bhuidheann air a dhèanamh thuige seo agus an cuideachadh le a bhith a' tòiseachadh iomairtean ùra.
"Tha àite dlùth aig Uibhist a Deas nar cridhe agus tha mi fhèin is mo bhean Cèit gu mòr a' coimhead air adhart ri a bhith a' faighinn eòlais air a' choimhearsnachd agus a bhith a' fuireach ann an àite cho sònraichte", thuirt e.
Fàilte
Cuiridh Stòras Uibhist fàilte air Maighstear Mac an Tàillear chun an sgioba agus chun nan eilean am meadhan na Dàmhair.
Tha trioblaidean air a bhith aig a' buidhinn, a tha na h-uachdaran air oighreachd de 93,000 acair am Beinn na Faoghla, Éirisgeigh agus Uibhist a Deas, a bhith a' cumail àrd-oifigearan nan dreuchd bho chionn ghoirid.
Dh'fhàg Fraser Quin an obair aig toiseach 2017 às dèidh 6 mìosan.
Cha robh am fear a chaidh na àite, Iain MacPheadrais, ach beagan is bliadhna san obair.
Chaidh Bruce Beveridge ainmeachadh mar Àrd-oifigear eadar-amail aig toiseach na bliadhna seo ach dh'fhàg esan san Òg-mhios.