Call £50m ri linn staing MhicFheargais
- Air fhoillseachadh
Tha e air tighinn am bàrr gu bheil an staing aig Gàrradh MhicFheargais air Cluaidh air call £50m a dhèanamh air an sporan phoblach.
Chaidh a' chompanaidh Ferguson Marine ann an rianachd air a' mhìos seo chaidh is na cosgaisean a bha a' tighinn orra 'son dà aiseag ùr a thogail do ChalMac air sìor èirigh.
Tha dùil gun gabh Riaghaltas na h-Alba sealbh air gnothaichean mura tig ceannaiche prìobhaideach air adhart le tairgse fhreagarrach.
Thathas a' tuigsinn gu bheil grunn thairgsean a-staigh 's gu bheil dùil ri fiosrachadh bhon luchd-rianachd, Deloitte, san t-seachdain ri thighinn.
San eadar-ama, tha Deloitte air figearan fhoillseachadh a tha a' sealltainn gu bheil an gàrradh ann am fiachan £49.7m do Riaghaltas na h-Alba.
Tha sin cha mhòr £5m a bharrachd na sheall an cunntas mu dheireadh.
Clàr-ama
Tha an gàrradh cuideachd ann am fiachan £426,000 do dh'Oifis nan Cìsean.
A bharrachd air sin, tha an gàrradh ann am fiachan dhan luchd-obrach, dhan Choimisean Eòrpach, agus do shreath de chompanaidhean eile, tè dhiubh sin aig Jim McColl fhèin, leis an robh Ferguson Marine.
Dh'innis Deloitte cuideachd gu bheil luach £97.7m air Ferguson Marine is gu bheil luach £48.3m ga chur air an dà bhàta mar a tha iad.
B' e £97m luach a' chùmhnaint airson na bàtaichean a thogail nuair a chaidh a thoirt dha Ferguson Marine sa chiad dol a-mach.
Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh, Derek MacAoidh, roimhe gum feum clàr-ama airson na bàtaichean a bhith deiseil a bhith air fhoillseachadh ro dheireadh na Dàmhair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Lùnastal 2019