Campaichean luchd-obrach gan deasbad aig Holyrood

- Air fhoillseachadh
Thèid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an-diugh innse dè am measadh eaconamach a rinn iad mun bhuaidh a dh'fhaodadh campaichean luchd-obrach a thoirt air coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd.
Tha connspaid air a bhith ann mu phlanaichean gus campaichean a stèidheachadh aig diofar làraichean aig tuath do dhaoine a bhiodh ag obair air pròiseactan mòra bun-structair.
Tha cuid air draghan a thogail mun bhuaidh a bhiodh aca air coimhearsnachdan is goireasan ionadail.
Am measg nam planaichean tha dà champa ann an Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich do luchd-obrach a bhios an sàs sa phròiseact aig SSEN 'son an loidhne dealain eadar an t-Eilean agus Cille Chuimein ùrachadh.
Plana airson campa luchd-obrach san Àth Leathann air a tharraing
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair
Dragh mu dhàrna campa do luchd-obrach an sgìre an Àth Leathainn
- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach
Campa luchd-obrach fon phrosbaig aig coinneamhan poblach
- Air fhoillseachadh24 An Gearran
Chaidh planaichean a chur air adhart 'son campa aig Aisig ann an sgìre Bhreacais le àite do 450 neach, agus fear eile air Rathad nan Torran san Àth Leathann 'son suas ri 350 neach.
Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gun deach na planaichean 'son campa an Àth Leathainn a tharraing is SSEN ag radh gun robh iad air "èisteachd ris a' choimhearsnachd".
"Tha sinn a-nise a' coimhead air làraichean eile a bhios comasach air na feumalachdan againn a choileanadh agus buaidh sam bith air a' choimhearsnachd ionadail a lùghdachadh," thuirt neach-labhairt bhon chompanaidh.
'S e am BPA Tòraidheach 'son na Gàidhealtachd is nan Eilean, Jamie Halcro Johnston, a chuireas ceist mun chùis air adhart aig Pàrlamaid na h-Alba feasgar an-diugh.
Iarraidh e mìneachadh bhon Riaghaltas air dè am measadh eaconamach a tha iad air a dhèanamh mun bhuaidh a dh'fhaodadh campaichean a thoirt air coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan.