Bàrd ùr a' Chomuinn ga h-ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Bidh Sandaidh anns an dreuchd fad bliadhna.
Chaidh Bàrd ùr a' Chomuinn Ghàidhealaich ainmeachadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu.
Bidh Sandaidh NicDhòmhnaill-Jones anns an dreuchd fad bliadhna.
Tha an dreuchd a' tilleadh air bun-stèidh bhliadhnail airson a' chiad uair bho 2004, agus tha an Comunn ag ràdh gu bheil seo na chomharra air neart ath-bheothachaidh litreachas na Gàidhlig anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Chaidh cuideachd neach-ionnsachaidh na Bliadhna ainmeachadh.
'S i Jenny NicIlleDhuibh à Brechin, a fhuair an duais sin.