Comharran ro-fharpais an t-Seann Nòis

- Air fhoillseachadh
Tha ceathrar bhoireannach agus ceathrar fhireannach gu bhith a' farpais airson Buinn Òir an t-Seann Nòis aig a' Chomunn Ghàidhealach aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghearasdan.
Chaidh na farpaisean dearbhaidh a chumail aig Eaglais Chaitligeach an Naoimh Moire.
Bha seachdnar a' gabhail pàirt ann an ro-farpais nam ban.
'S iad an fheadhainn a tha troimhe chun na cuairte deireannaich a-nochd:
Màiri Callan à Coatbridge - 95
Eilidh Mòrag Nic a' Phì à Glaschu - 94
Koren Mhoireach Pickering bhon Bhac ann an Leòdhas - 93
Iona Mairead Davidson à Barabhas - 92
Bha seachdnar fhear ag amas air faighinn troimhe chun na cuairte deireannaich agus shoirbhich le na leanas:
Uilleam Iain MacSuain à Dùn Chailleann - 95
Donnchadh MacLeòid à Drochaid a' Bhanna - 93
Iain MacCarmaig à Port Rìgh - 92
Joe MacNìll à Uibhist a Deas - 91
Bidh Co-fharpais Chrìochnachaidh an t-Seann Nòis air a craoladh beò air BBC ALBA agus air Radio nan Gàidheal a-nochd aig 7:30f.