Sgiath Latharna do Bharraigh

Còisir Ghàidhlig Bharraigh
- Air fhoillseachadh
'S iad Còisir Ghàidhlig Bharraigh a bhuannaich Sgiath Latharna feasgar.
Bha na Barraich sa chiad àite le 377 puing.
Bha Còisir Sgìr' a' Bhac anns an dàrna àite le 370.
Fhuair Còisir Ghàidhlig Ìle Cuach Cuimhneachaidh an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul le 374.
Bha Bùrach anns an dàrna àite le 369.

Còisir Ghàidhlig Ìle a bhuannaich Cuach Cuimhneachaidh an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul
Na bu thràithe den là chaidh farpaisean Puirt a Beul a chumail.
'S e Còisir Ghàidhlig Chàrlabhaigh a bha sa' chiad àite, agus Còisir Ghàidhlig Ìle san dàrna àite.

Bhuannaich Còisir Ghàidhlig Chàrlabhaigh farpais a' Phuirt a' Beul
Ann am farpais Chòisirean nam Ban 's e Am Bac a bh' anns a' chiad àite.
Bha Còisir Ghàidhlig Thunga san dàrna àite.

Ghlèidh boireannaich Chòisir Sgìr' a' Bhac a bhuannaich farpais nam ban