Luchd-iomairt fhathast a' strì
- Air fhoillseachadh

Sealladh na Drochaide
Às dèidh còrr is 15 bhon a chaidh cur às do chìsean drochaid an Eilein Sgitheanaich tha Procadair a' Chrùin ag ràdh gur e "cleas-meallaidh uabhasach" a bha sna cìsean.
Tha mu 130 duine a chaidh a dhìteadh airson mar a chuir iad an aghaidh nan cìsean air an drochaid eadar an Caol agus Caol Acainn fhathast a' feuchainn ri cùr às dhiubh.
Ann am prògram aithriseach a chithear air BBC Scotland, tha Procadair a' Chrùin à Inbhir Pheofharain, Daibhidh Hingston, a dhìt a' chiad fheadhainn a chuireadh an grèim airson diùltadh na cìsean a phàigheadh, a' ceasnachadh fianais co-cheangailte ris a' chùis.
Ma thig e am follais gun deach fianais a chruthachadh airson a' Chruìn sa chùirt-lagha, thuirt Maighstir Hingston gun e "fìor dhroch eucoir" a bhiodh ann agus a dh'fhàgadh nach biodh seasamh aig na dìtidhean a chaidh a chur air luchd-iomairt.

Daibhidh Hingston, a b'àbhaist a bhith na Phrocadair a' Chrùin a' dèilgeadh leis a' chùis
Soilleir
Dh'fhosgail an drochaid eadar an t-Eilean agus Tìr-mòr san Dàmhair 1995.
Bha buaireadh sa choimhearsnachd mun dòigh san deach an drochaid a choimiseanadh le Riaghaltas Thòraidheach na h-ama ach chunnaic mòran e mar dhòigh eaconamaidh na sgìre a bhrosnachadh.
Ach cha robh e fada mus robh e soilleir cho daor sa bha na cìsean - na bu daoire na gin eile san Roinn Eòrpa - aig cosgais suas ri £5.70 airson siubhal thairis ann an càr aon turas taca ri £0.80 airson Drochaid-rathaid Fhoirthe.
Tha am prògram aithiriseach, The Battle of Skye Bridge, air agallamhan a chruinneachadh bho fheadhainn a bha an-sàs ann a bhith a' strì an aghaidh nan cìsean agus nan ùghdarrasan a' coimhead air ais air a' chùis, agus a' sealltainn pìosan fiolm nach deach fhaicinn roimhe seo.
Casaidean
The cuimhn' aig an neach-camara, Alex Ingram, mar a thàinig na ciad chàraichean chun na drochaide agus mar a dhiùlt iad pàigheadh agus a bhith a' faicinn an uairsin an còmhlan-pìoba a' coiseachd tron uisge tarsaing air an drochaid le sreath chàraichean às an dèidh.
Agus coltach ris an fheadhainn a chaidh romhpa cha do phàigh iadsan nas motha. Às dèidh uairean de thìde chaidh casaidean a thogail an aghaidh an luchd-iomairt agus chaidh aithris a chui gu Neach-casaid a' Chrùin.
Is mar sin, thòisich an iomairt aig SKAT - 'An t-Eilean Sgiathanach agus Loch Aillse an Aghaidh Chìsean' - le aire ga thogail air feagh an t-saoghail mun a chùis.
Bho na ceudan nach do phàigh na cìsean chaidh 130 a dhìteadh air a shon, agus chuir cuid seachad ùine sa phrìosan air a shàilleibh.

Robbie an Cruithneach
Mì-laghail
B'e Robbie an Cruithneach (no Brian Robasdan) fear de na h-ainmean as aithnichte bhon àm.
Chaidh còrr is 100 casaid a thogail na aghaidh airson diùltadh na cìsean a phàigheadh, agus chaidh a dhìteadh 25 turas. Cho-dhùin esan gum faodadh an dòigh sa bhathar a' togail nan cìsean airson companaidh Aimeireaganaich a bhith mì-laghail.
Dh'innis e dhan BhBC: "Leig Rùnaire na Stàite le companaidh phrìobhaideach na cìsean iarraidh, ach feumaidh seo a bhith air a dhèanamh le pàipear a bharrachd còmhla ris.
"Feumaidh t-ainm a bhith air iris a' gairm an leithid, mura bheil, tha e mì-laghail," thuirt Maighstir Robasdan.
Tha e coltach gu bheil na pàipearan a thàinig a-mach sna meadhanan a' dearbhadh gun deach an iris, bho Chompanaidh Drochaid an Eilein Sgitheanaich a thugar dhan chùirt le Oifis a' Chrùin, a chur ri chèile le aontaidhean a rinneadh eadar an Riaghaltas agus luchd-leasachaidh na drochaide.
Ceàrr
Agus a rèir Mgr Hingston 's e pàipear glè chudthromach a tha seo.
"Mura robh an iris seo fìor, tha na casaidean ceàrr," thuirt e.
"Bha e a' coimhead fìor. Cha robh reusan sam bith agam teagamh a chur ann," thuirt e.
"Tha cuideigin an àiteigin air fiaradh a chur air cùrsa a' cheartais agus 's e fìor dhroch eucoir a tha sin," thuirt Maighstir Hingston.

Dìomhair
"Aon de na duilgheadasan le Drochaid an Eilein Sgitheanaich 's e gu bheil a h-uile sian mu dheidhinn air a chleith. Tha a h-uile sian, tha e coltach, mu ionmhas dìomhair," thuirt e.
Mus deach cur às dhan chìs air an drochaid ann an 2004 bha £33m air a chruinneachadh airson na companaidh Aimeireagnaich. Cheannaich Riaghaltas na h-Alba an drochaid an uairsin airson £27m.
Dh'fhulaing Maighstir Hingston briseadh-inntinn air sàilleibh a' chuideim a bha air aig an àm a' dèiligeadh leis a' chùis.
"Mar neach-casaid a' Chrùin bha agam ri dhèanamh na rinn mi ach nam shaoranach bha mi den bheachd gur e cleas-meallaidh a bh'ann. Cha robh còir aige bhith air tachairt," thuirt e.
Chithear am prògram aithriseach, 'The Battle of Skye Bridge' air BBC Scotland Dimàirt an 22mh den Dàmhair aig 22:00. Gheibhear e air BBC iPlayer às dèidh laimh.