Bhuannaich Màiri Callan is Donnchadh MacLeòid Buinn an t-Seann Nòis

Buinn an t-Seann Nòis
  • Air fhoillseachadh

Tha Màiri Callan agus Donnchadh MacLeòid air Buinn an t-Seann Nòis a bhuannachadh aig Mòd Loch Abair.

'S ann à Coatbridge a tha Màiri is ceangal aice le Uibhist a Tuath.

Bhuannaich i Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2021 ann an Inbhir Nis.

'S i Iona Mairead NicDhaibhidh à Leòdhas a bha san dàrna àite ann am farpais nam ban.

'S e Òran Fir Heidhsgeir agus Moladh air Pìob Mhòr MhicCruimein a ghabh Màiri air an oidhche.

Bha i air a bhith air thoiseach sa mhadainn. Thuirt i air an oidhche nach robh dùil aice buannachadh às dèidh dhi a dhol ceàrr leis na faclan.

Chrìochnaich i le 280 puing, aon phuing air thoiseach air Iona.

Bha màthair Màiri, Mairead, air Bonn Òir an t-Seann Nòis a bhuannachadh ann an Dùn Omhain ann an 1994.

Màiri Callan

Ann am farpais nam fear 's e Donnchadh MacLeòid à Drochaid a' Bhanna a rinn a' chùis.

Bha Donnchadh air a bhith san dàrna àite san t-Seann Nòs an-uiridh.

Bha e san dàrna àite às dèidh na maidne am-bliadhna ach leum e seachad air Uilleam Iain MacSuain air an oidhche.

'S e Isein Bhòidhich is Òran nan Con a ghabh Donnchadh air an oidhche.

Bidh soirbheachas Dhonnchaidh na thogail dhan fheadhainn a tha air iomairt a thòiseachadh sa bhliadhna mu dheireadh feuch suidheachadh na Gàidhlig ann an Cataibh a leasachadh.

Bha Uilleam Iain MacSuain is Iain MacCarmaig co-ionnan san dàrna àite san fharpais is Iòsaph MacNìll sa cheathramh àite.

Donnchadh MacLeòid

Bha na comharran ann am farpais nam mnathan air a' cheann thall mar a leanas:

  • Màiri Callan - 280

  • Iona Mairead NicDhaibhidh - 279

  • Eilidh Mòrag Nic a' Phì - 278

  • Koren Murray Pickering - 277

Seo mar a chrìochnaich gnothaichean ann am farpais nam fear:

  • Donnchadh MacLeòid - 280

  • Uilleam Iain MacSuain - 278

  • Iain MacCarmaig - 278

  • Iòsaph MacNìll - 272

Tuilleadh air an sgeulachd seo