Beachdan gu leòr air cìs turasachd

  • Air fhoillseachadh
Soidhne rathaidTùs an deilbh, Getty Images

Chuir faisg air 6,000 duine am beachd air adhart air am bu chòir cìs turasachd a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.

Tha còrr agus a dhà uimhir an sin 's a chuir beachd air adhart do cho-chomhairle a rinn Comhairle Dhùn Èideann air an dearbh chuspair.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun d' fhuair iad na bha sin de bheachdan is gun toir e ùine dearbhadh an robh a' mhòr-chuid a' cur taic ri cìs.

Chuir an t-ùghdarras ionadail a' cho-chomhairle air dòigh is deasbad air a bhith a' leantainn mu chìs turasachd.

Tha an àireamh de luchd-turais a tha a' tadhal air a' Ghàidhealtachd air a bhith a' sìor èirigh, is a' cur gu mòr ri eaconomaidh na sgìre.

Tha dragh ann ge-tà, nach eil bun-structar na Gàidhealtachd comasach air dèiligeadh ris na h-àireamhan a th' ann.

Obair

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum faodadh airgead a thigeadh a-steach tro chìs turasachd a bhith air a chosg air bun-structar a leasachadh.

"'S e àireamh iongantach de bheachdan a fhuair sinn," thuirt cathraiche Comataidh na h-Àrainneachd, an Leasachaidh is a' Bhun-Structair aig Comhairle na Gàidhealtachd, Ailean MacEanraig.

"Tha ùidh aig daoine sa chuspair is tha turasachd cho cudromach do ghnìomhachasan air a' Ghàidhealtachd.

"Tha obair mhòr ri dhèanamh a-nise a bhith a' dol tro na freagairtean," thuirt e.

Ma 's e is gun cuir Comhairle na Gàidhealtachd rompha air a' cheann-thall cìs turasachd a stèidheachadh, bidh aca ri cead fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha co-chomhairle, taobh a-muigh aig an Riaghaltas fhèin a' dol air adhart an-dràsta.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh