Ceistean mu shoithichean-turasachd ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Cala SteòrnabhaighTùs an deilbh, BBC Sport
Fo-thiotal an deilbh,

Thathas an dòchas gun tèid cala Steòrnabhaigh a leasachadh anns an àm ri teachd.

Chaidh co-obrachadh iarraidh eadar Comhairle nan Eilean Siar, buidhnean-poblach, agus buidhnean-coimhearsnachd gus am bi goireasan agus bun-structar ann airson iadsan a bhios a' tighinn a Steòrnabhagh air soithichean mòra turasachd.

Tha planaichean airson cala ùr a thogail anns a' bhaile agus dùil ann gun tig fàs air na h-àireamhan de shoithichean mòra dhan urrainn tadhal air an eilean.

Thuirt cathraiche Ùghdarras Chala Steòrnabhaigh gu bheil e cudromach gum bi na h-eileanan deiseil airson nan atharrachaidhean mòra a tha ri tighinn.

Am measg nam planaichean leasachaidh, thathas an dùil cidhe ùr a thogail ann an uisge nas doimhne, a leigeadh le bàtaichean nas mhotha tadhail air a' bhaile.

An-dràsta, bidh mu 10,000 de luchd-turais a' tighinn far a leithid de shoithichean gach bliadhna.

Ann an Arcaibh, far a bheil cala coltach ris an fhear a tha san amharc airson Steòrnabhaigh, thadhail fàisg air 150,000 duine an-uiridh.

Cothroman

"Tha sinn an dòchas nuair a thig an cala ùr, gu bheil buannachdan gu bhith ann gu h-eaconomach dha na h-eileanan air fad," thuirt cathraiche Ùghdarras Chala Steòrnabhaigh, Murchadh Moireach.

"Tha e a-nis cudromach gum bithear a' rannsachadh nan rudan sin airson nuair a thig an cala ùr gum bi rudan ann deiseil.

"Bidh na h-àireamhan a' dol suas, chan eil teagamh sam bith. Bidh na daoine sin ag iarraidh fhaighinn air falbh bho na soithichean-turasachd, agus rudan fhaighinn. Tha e comasach dha daoine anns na bailtean agus gu h-àraid anns an iomall na rudan a chur air chois a bhiodh buannachail dhaibh fhèin agus dha na daoine a tha a' tighinn.

Thuirt e cuideachd gum bi leasachaidhean còmhdhail eile a dhìth air an sgìre.

"Tha e cudromach gu bheil busaichean ann. 'S e sin aon de na rudan a dh'fheumar coimhead ris.

"Ach 's e a' bhuannachd a bhith a-muigh an Àranais, gu bheil e nas fhasa falbh à Àranais, chan eil agad ri dhol tron bhaile.

"Tha e cudromach cuideachd gum biodh bun-structar ann. Feumar parcadh, tionndadh agus rudan a dhèanamh a thaobh nan rathaidean."

"Tha sinn an dòchas gum biodh a' Choimhairle ag obair còmhla ris na h-ionadan coimhearsnachd agus na h-oighreachdan coimhearsnachd airson dèanamh cinnteach gu bheil rudan a' dol a thachairt a tha gu bhith a thaobh buannachd an taobh sin."