Leudachadh foghlam Gàidhlig sna h-Eileanan ga moladh
- Air fhoillseachadh
![Clann sgoile](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/142C7/production/_110013628_iochdar.jpg)
Tha an aithisg a' moladh atharraichean mòra ann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar.
Dh'fhaodadh gum bi aig pàrantan anns na h-Eileanan an Iar san àm ri teachd ri tagradh a dhèanamh ma tha iad airson 's gum faigh an cuid chloinne foghlam tro mheadhan na Beurla.
Nochd am moladh sin ann an aithisg bho roinn an fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.
An-dràsta, feumaidh pàrantan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig iarraidh gu sònraichte.
Tha an aithisg seo moladh gum bu chòir seo atharrachadh, agus dùil gur ann sa Ghàidhlig a gheibheadh iad foghlaim.
Ghabh comhairlichean ris an aithisg, a tha a' moladh leudachadh a dhèanamh air foghlam sa chànain aig coinneamh Dimairt.
Dh' iarradh am plana cuideachd gum biodh barrachd air a dhèanamh airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an tràth bhliadhnaichean na sgoile agus sa choimhearsnachd.
Ionadan bogaidh
Tha moladh ann cuideachd coimhead ri ionadan bogaidh sa Ghàidhlig a stèidheachadh mar a tha ann mu thràth sa Chuimrigh.
Fad deicheadan, tha ionadan bogaidh air cuideachadh a thoirt do chloinn a tha airson Cuimris ionnsachadh.
Thèid clann a bhogadh anns a' chànan annta gus an uarrainn dhaibh gluasad a-steach gu foghlam tro mheadhan a' Chuimris.
Buannachdan mòra
Tha Aonghas MacIllinnein bho roinn foghlam Comhairle nan Eilean Siar, a sgrìobh an aithisg, an dòchas gun tig buannachdan mòra às.
"Tha sinn airson ath-shùil a thoirt air dè tha sinn a' dèanamh mar Comhairle agus de dh'fhaodadh sinn a bhith dèanamh na b' fheàrr." thuirt e.
"Tha an Riaghaltas agus gu h-àraid John Swinney air a chur mar amas air a h-uile comhairle a tha an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig adhartas nas luaithe a dhèanamh."
Tha an aithisg ag aithneachadh gum bu chòir is gum biodh a' Chomhairle a' toirt seachad deagh eisimpleir dhan chòrr den dùthaich a thaobh na Gàidhlig.
Am-measg nam molaidhean eile, tha iad ag iarraidh:
oifigear cànain fhastadh a leasaicheadh an taic do chloinn aois 0-3 bliadhna.
brosnachadh sònraichte a thoirt do phàrantan ùra agus iadsan a tha an dùil ri clann
àite a lorg airson sgeama paidhleat ionad bogaidh a thòisicheas anns a' bhliadhna sgoile 2020/21
Thèid na planaichean a-mach gu co-chomhairleachadh poblach a-nis.