Chuir comhairlichean Gàidhealach an taic ri cìs turasachd

  • Air fhoillseachadh
Soidhne rathaidTùs an deilbh, Getty Images

Tha dùil gum faodadh cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd suas ri £10m a thogail gach bliadhna a rachadh a chosg air goireasan agus eile do luchd-turais.

Dh'aontaich buill Comhairle na Gàidhealtachd ri moladh cìs a stèidheachadh aig coinneimh Diluain às dèidh dhaibh beachdachadh air buil suirbhidh phoblaich.

Fhuaireadh 6,500 freagairtean bhon phoball agus thuirt dà thrian dhiubh gu robh iad airson cìs air luchd-tadhail a thoirt a-steach.

Chuala comhairlichean nach bi aig daoine a tha a' fuireach sa sgìre ri càil a phàigheadh.

Cha do cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba fhathast an toir iad cead do chomhairlean leithid de chìs ionadail a stèidheachadh.

Tha Ceannard Buidseat Comhairle na Gàidhealtachd, Alasdair MacFhionghain, ag ràdh gum bi iad ag obair le ministearan airson an cumhachd sin a bhith aca.

Teagamhan

Tha Dàibhidh Richardson bho Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag ràdh gu bheil a' chuid as motha de luchd-gnothachais sa cheann a tuath an aghaidh na cìse.

"Tha iad air ceistean fhaighneachd do dhaoine bhon sgìre ach tha ceist agam mu cia mheud dhiubh sin a tha an sàs ann an turasachd.

"Ma tha sinn airson agus gun soirbhich le eaconamaidh na Gàidhealtachd stèidhichte air measgachadh de ghnìomhachasan feumaidh sinn gach brosnachadh a thoirt do dh' obair na turasachd - an gnìomhachas as cudromaiche a th' againn agus feumaidh a' chomhairle sin a thuigsinn," thuirt e.