"Ceum air ais" - call amaran-snàimh air an tuath an Leòdhas

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sireadh bheachdan dhaoine mu na tha an dàn do ghoireasan spòrs agus leabharlannan san sgìre, moladh na h-amaran-snàimh ann an Lional agus Siabost a dhùnadh nam measg.
Chan eil fada bho thàinig e am bàrr gun robh an t-ùghdarras a' beachdachadh air na h-amaran-snàimh dùthchail a dhùnadh mar oidhirp air na leabhraichean aca a chothromachadh.
Tha an t-ughdarras ionadail ag ràdh gum feum iad sàbhalaidhean beagan gann air £1.4m a dhèanamh, le £75,000 a' tighinn bho bhuidseat nan goireasan spòrs.
Tha gu leòr a' faireachdainn gun toireadh sin dhroch bhuaidh air na coimhearsnachdan - gu sònraichte air cloinn a tha ag ionnsachadh snàimh.
Bha Kara Hanlon, a th' air snàmh aig Geamaichean a' Chlo-Fhlaitheis is air soirbheachadh aig Fàrpaisean Snàimh Bhreatainn, am measg na chleachd amar-snàimh Lìonail.
Tha Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneachadh MacLeòid, a' creidsinn "gu bheil comhairlichean agus am poball a' faicinn cho cudromach 's a tha na goireasan do mhuinntir nan eilean".
Thuirt e:"'S e ceum gu mòr air ais a bhiodh ann ma 's e agus gum moladh sinne mar Chomhairle na goireasan a tha sin a dhùnadh."
- Air fhoillseachadh11 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh11 An t-Sultain
Tha an Comhairliche MacLeòid ag ràdh gu bheil iad nan "goireasan feumail agus prìseil a dh'fhaodas tòrr feum a dhèanamh do dhaoine".
Thuirt e gum feum iad "coimhead ann an doimhneachd" a bheil dòigh ann gun gabh na goireasan a ruith le buidhnean ionadail, neo taic fhaighinn bho Bhòrd na Slàinte.
"Tha sinn ag iarraidh gum bi na goireasan sin a' soirbheachadh, gum bi barrachd dhaoine gan cleachdadh," thuirt Mgr MacLeòid.
Bidh an t-suirbhidh, taobh a-muigh, a th' air làraich-lìn na Comhairle, fosgailte chun an 5mh den t-Samhain