Carbadan air am milleadh an dèidh carago gluasad air bàta-aiseig

An MV Hamnavoe a' seòladh Tùs an deilbh, MAGNUS BUDGE
Fo-thiotal an deilbh,

Cha deach duine a ghoirteachadh sa chùis air bòrd an Hamnavoe

  • Air fhoillseachadh

Chaidh milleadh mòr a dhèanamh air grunn charbadan air bàta-aiseig an Hamnavoe sa Chaol Arcach.

Thuirt Serco NorthLink Ferries nach deach duine a ghoirteachadh nuair a "ghluais" carago air an t-seòladh eadar Stromness an Arcaibh agus Sgrabastal ann an Cataibh.

Tha am BBC a' tuigsinn gun tàinig stuth far làraidh agus gun do thuit inneal mòr air carbadan faisg air làimh.

Thuirt Serco NorthLink Ferries gun robh criutha an t-soithich a' sgrùdadh na thachair.

"Dh'fhaodadh buaidh a bhith air seirbheisean"

Thuirt an t-àrd-mhanaidsear, Stuart Garret: "Aig 08:00 sa mhadainn an-diugh ghluais carago air bòrd an MV Hamnavoe fhad 's a bha i air an t-slighe à Stromness gu ruige Sgrabastail, agus chaidh carbadan a mhilleadh.

"Cha deach duine a ghoirteachadh, agus chaidh aig luchd-siubhail air faighinn a-steach dha na carbadan aca agus tighinn far a' bhàta-aiseig ann an Sgrabastal."

Thuirt e: "Tha an criutha a-nis a' dèanamh làn àth-sgrùdaidh air a' chùis.

"Gu mì-fhortanach, dh'fhaodadh dàil a bhith air seirbheisean an là an-diugh ach tha sinn a' dèanamh na 's urrainn dhuinn buaidh na thachair a lùghdachadh. "