Cumhachdan ùra 'son dèiligeadh ri leithid AirBnB

  • Air fhoillseachadh
PortreeTùs an deilbh, ALBAimagery

Bheir Riaghaltas na h-Alba cumhachdan ùra do dh'ùghdarrasan ionadail a bheir barrachd smachd dhaibh air air àiteachan-fuirich a th' air an leigeil a-mach tro leithid Airbnb.

Thèid aca air sgìrean sònraichte ainmeachadh far am bi e deatamach cead-planaidh fhaighinn airson àitichean-fuirich a th' air an leigeil a-mach airson ùine ghoirid.

Feumaidh a h-uile àite-fuirich, taighean, flataichean, "pods" agus seòmraichean fiù 's, a bhith clàraichte aig an ùghdarras ionadail cuideachd.

Thathas an dùil gun tig na riaghaltean ùra a-steach an ceann bliadhna.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil adhbharan sàbhailteachd air cùlaibh nam planaichean seo cuideachd.

Tha iad airson a bhith cinnteach gu bheil àitichean-fuirich a' cumail ri inbhean sàbhailteachd.

Èirigh mòr

Tha beagan a bharrachd air 1% de dh' àitichean-fuirich ann an Alba air an leigeil a-mach tro Airbnb.

Ach tha seo ag èirigh gu mòr ann am meadhan Dhùn Èideann agus air a' Ghàidhealtachd far a bheil còrr is 10% de dh'àitichean-fuirich air an làrach-lìn.

Agus anns an Eilean Sgitheanach tha an àireamh air èirigh a-nis gu 20%.

Ach feumas subailteachd a bhith ann a rèir Ceit Fhoirbeis BPA, a tha na Ministear ann an Riaghaltas na h-Alba.

"'S urrainn dhan ùghdarras ionadail na cumhachdan ùra seo a chleachdadh airson 's gum bi ceadan aig na Airbnbs na taighean aca a chur a-mach.

"Tha fios againn gu bheil e doirbh an-dràsta san Eilean Sgitheanach taigh fhaighinn ach chan eil e doirbh ann an àite mar Inbhir Ùige.

"Cha bhi dìreach aon chumhachd aig Comhairle na Gàidhealtachd airson na sgìre air fad.

"'S urrainn dhaibh àitichean san sgìre aca a chleachdadh airson na cumhachdan seo a chur air dòigh."

Cìsean

Bidh cuideachd ath-sgrùdadh ann air na cìsean a tha daoine leis a bheil na h-àitichean-fuirich seo a' pàigheadh.

An-dràsta, ann an cuid de shuidheachaidhean chan eil aca ri cìsean-còmhairle no reataichean gnothachais a phàigheadh a bharrachd.

"Chan eil iad a' pàigheadh chìsean sam bith agus tha sinn a' smaointinn gum bu chòir sin atharrachadh," thuirt Ceit Fhoirbeis.

Thuirt i gu bheil an Riaghaltas a' coimhead air atharrachadh a thoirt air an seo leis a' Bhile a tha a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta air reataichean gnothachais.