An gabh drònaichean a chleachdadh 'son cungaidhean-leigheis a ghiùlan?

  • Air fhoillseachadh
DrònTùs an deilbh, Getty Images

Tha NHS nan Eilean Siar a' rannsachadh an gabh stuth meidigeach a thoirt chun na sgìre le drònaichean.

'S e fuasgadh a dh'fhaodadh a bhith anns an teicneòlas airson cungaidhean-leigheis mar chemotherapy a ghiùlan chun nan Eilean Siar à tìr-mòr.

Tha riaghailtean teann an cois a bhith a' giùlan chungaidhean-leigheis airson aillse air sgàth agus cho puinnseanta agus a tha iad.

An-dràsta 's e a' chompanaidh Dalcross Logistics aig Port-adhair Inbhir Nis a tha gan làimhseachadh agus a' dèiligeadh ri tèarainteachd mus tig an stuth a chur air plèana gu Port-adhair Steòrnabhaigh.

Tha e coltach, ge-tà, gu bheil a' chompanaidh a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an t-seirbheis agus gu bheil cunnart ann gun tig i gu ceann as t-samhradh seo.

Tha NHS nan Eilean Siar a' cumail chòmhraidhean leotha feuch am faighear dòigh leantainn leis an t-seirbheis a tha a' ciallachadh gum faigh euslaintich sna h-eileanan air a bheil aillse an cùram a tha a dhìth orra gun a bhith a' falbh bhon taigh.

Deuchainnean

Mar as luaithe a tha na cungaidhean-leigheis seo a' ruighinn na sgìre 's ann as fheàrr, tha e coltach, agus 's e sin as coireach nach eil am moladh an giùlan air a' bhàt-aiseig a' còrdadh cus ri NHS na Gàidhealtachd.

Mar sin, dh' fhaodadh gur ann air drònaichean a thig iad air a' cheann thall chun nan eilean, roghainn air a bheil NHS nan Eilean Siar a' coimhead gu dlùth.

Chan e beachd faoin a tha seo idir a rèir àrd-oifigear na buidhne, Gòrdan MacSheumais.

"Cho luath agus gum faigh sinn companaidh fom faigh sinn dròn a bhiodh comasach air luchd sa bheil 25cg de chuideam a ghiùlan bidh sinn gu ìre mhòr deiseil airson deuchainnean a dhèanamh air an teicneòlas.

"Tha mi gu math dòchasach oir rinn sinn adhartas fìor mhath agus chan e gòraiche a tha seo idir; tha sinn dha-rìribh airson coimhead air an gabh drònaichean a chleachdadh agus cur an sàs air a' cheann thall," mhìnich Mgr MacSheumais.

Tha drònaichean gan cur gu feum ann an Afraga agus san t-Suain far am bi iad a' toirt defibrillators gu daoine a dh'fhulaing grèim-cridhe nas luaithe le bhith a' seachnadh na trafaig.

Chan eil clàr-ama aig NHS nan Eilean Siar a thaobh cuine a bhios iad deiseil airson deuchainnean a dhèanamh.

Tha an obair a' leantainn eadar an t-ùghdarras slàinte agus grunn chompanaidhean agus eòlaichean ag amas air seirbheis le drònaichean a stèidheachadh.

Ma thèid leotha, tha beachd ann gum faodadh an teicneòlas a chleachdadh airson stuth a ghiùlan eadar na h-eileanan cuideachd.