A83 gu bhith a' dùnadh ri linn obair aig an Rest & Be Thankful

- Air fhoillseachadh
Bidh an A83 dùinte aig an Rest & Be Thankful airson clach mhòr a ghluasad o Dhiluain 27mh den Dàmhair 2025 airson co-dhiù dà latha.
Tòisichidh BEAR Scotland air an obair Diluain agus thèid clach mhòr a tha os cionn an rathaid a thoirt air falbh a' chiad char Dimàirt.
Thèid trafaig a ghluasad gu Seann Rathad an Airm fhad 's a tha an obair deisealachaidh a' dol Diluain a-mhàin.
Chaidh sgrùdadh theicnigeach a dhèanamh air a' chloich air cliathaich na beinne agus chaidh co-dhùnadh gum feumaiste cuidhteas fhaighinn dhith air adhbharan sàbhailteachd do rathad an A83 a' dol air adhart.
Dimairt, bidh an A83 dùinte buileach glan eadar an Tairbeart agus Inbhir Aora airson dìon a chur air a' phoball agus cha ghabh Seann Rathad an Airm a chleachdadh a bharrachd an uairsin.
Mar sin, bidh aig dràibhearan ri slighe eile a ghabhail a' cleachdadh an A82, A85 agus an A819. Thathar a' comhairleachadh do dhaoine gum faod iad Western Ferries a chleachdadh eadar Gurraig is Dùn Omhainn.
Aon uair 's gun tèid a' chlach a thoirt air falbh, thèid sgrùdadh a dhèanamh air cliathaich na beinne Diciadain 29mh den Dàmhair feuch am bheil e sàbhailte carbadan a thilleadh gu Seann Rathad an Airm no gu an A83.
Thuirt Euan Scott bho BEAR Scotland gu robh iad duilich mun mhaill a chuireas an obair seo air daoine agus gu bheil iad mothachail mun bhuaidh a tha slighe fhada siubhail a' toirt air daoine agus air gnothachasan.
Thuirt Mgr Scott cuideachd nach eil roghainn eile aca air sgàth na seòrsa obrach a tha aca ri dhèanamh aig an làraich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain

- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2024
