Ceannard Ùr dhan Chomunn Ghàidhealach
- Air fhoillseachadh

Seumas Greumach
Dh'fhoillsich An Comunn Gàidhealach gur e Seumas Greumach, a bhuineas bho thùs do Loch an Inbhir, an ceannard ùr a bhios air a' bhuidhinn nuair a leigeas Iain Moireasdan dheth a dhreuchd aig deireadh a' Mhàirt.
Tha Mgr Greumach air a bhith na Oifigear a' Mhòid aig a' Chomunn Ghàidhealach bho 2010.
"Tha e na urram mòr dha-rìribh an dreuchd a tha seo a ghabhail os làimhe agus tha mi a' dèanamh fiughair ris an obair ionmholta a rinn Iain Moireasdan a chumail a' dol, cha bheag an dùbhlan sin," thuirt Mgr Greumach.
"Bidh e na amas agam obrachadh gus leasachadh agus piseach a bharrachd a thoirt air a' bhuidhinn anns an ùine ri teachd.
Bun-stèidh
"Bho bha mi nam bhalach beag bhithinn a' gabhail pàirt anns na Mòdan aig ìre ionadail agus nàiseanta agus tro m' obair nam mhanaidsear anns na deich bliadhna a dh' fhalbh, tha mi ag aithneachadh gu bheil am Mòd na bhun-stèidh do chultar agus nan ealain Ghàidhlig.
"Bidh dùbhlain mu choinneimh na h-obrach, ach bidh dùil agam ri làn thaic bhon luchd-obrach agus buill a' bhùird airson a' bhuidheann a thoirt air adhart," thuirt e.
Thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn, Ailean Caimbeul: "Gum meal Seumas a naidheachd, agus tha sinn a' cur fàilte bhlàth air chun na dreuchd cudromaich seo, agus a' guidhe gach soirbheachadh dha innte!
"Aig an aon àm, bidh ar beannachdan agus deagh dhùrachd airson iomadh bliadhna shona air chluaineas a' dol le Iain Moireasdan nuair a dh'fhàgas esan an dreuchd aig deireadh a' Mhàirt", thuirt Mgr Caimbeul.