Duaisean do dhrumairean òga eileanach

Na drumairean òga a bha a' riochdachadh Còmhlan-Pìoba Òigridh Leòdhais is na Hearadh aig Co-fharpais na Cruinne 2025
- Air fhoillseachadh
Shoirbhich gu mòr le drumairean òga à Leòdhas agus às na Hearadh aig Co-fharpais Drumaireachd Aon-Neach na Cruinne ann an Glaschu.
Bha còignear a' riochdachadh Còmhlan-Pìoba Òigridh Leòdhais is Na Hearadh aig a' cho-fharpais air an 18mh den Dàmhair.
Rinn Lucy, 12, eachdraidh nuair a chrìochnaich ise san treas àite san fharpais caismeachd tenor do luchd-ciùil fo aois 14, a' chiad neach a-riamh à Leòdhas a ghlèidh tiotal san roinn sin.
B' e a' chiad turas a bha Lucy a' farpais aig ìre eadar-nàiseanta.
Thuirt Lucy: "Tha mi a' faireachdain moiteil asam fhèin airson pàirt a ghabhail ann. Tha mi a' faighinn tòrr mòr taice bho na tidsearan agam agus mo mhàthair."
Tha màthair Lucy, am Màidsear-pìoba Ashley Dhòmhnallach, ag ràdh gu bheil i cho uasal aiste.
Thuirt i: "Tha sinn mar thà ag ullachadh airson co-fharpais na h-ath-bhliadhna!"

Rinn Lucy eachdraidh agus i a' farpais aig ìre eadar-nàiseanta airson a' chiad turas
Tha tidsear nan daoine òga, Eilidh Young, ag ràdh gu bheil i "air leth moiteil às na drumairean againn airson a dhol air àrd-ùrlar na cruinne".
Thuirt i: "Tha obair mhòr a dhìth airson faighinn chun na h-ìre seo, agus bha farpais chruaidh ann.
"Feumar misneachd mhòr airson a dhol ann agus a chluich cho math agus as urrainn dhaibh."
Tha Eilidh na h-Oide Drumaireachd do sgoiltean Leòdhais is na Hearadh a bharrachd air còmhlan-pìoba na h-òigridh fo cho-bhanntachd eadar Urras Drumaireachd is Pìobaireachd Sgoiltean na h-Alba, An Lanntair agus Comhairle nan Eilean Siar.