Fear an greim co-cheangailte ri teine a chaidh a chur a dh'aona-ghnothach

Carbad-smàlaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir luchd-smàlaidh an teine às

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach, 21, a chur an greim agus fo chasaid ann an co-cheangail ri teine a chuireadh ri dachaigh a dh'aona-ghnothach ann an Inbhir Nis.

Thachair e mu 23:40 Là na Sàbaid an 12mh den Dàmhair aig taigh air Slighe Cheasaig.

Chuir Seirbheis-smàlaidh na h-Alba an teine às agus cha deach duine a ghoirteachadh.

Thuirt neach-labhairt Poileas Alba gu bheil dùil gun nochd am fireannach aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.