Càin air fear a mhùidh air comhairliche Leòdhasach air-loidhne

Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Chaidh càin-airgid £400 air fireannach, 39, a sgrìobh grunn theachdaireachdan bagairteach agus droch-dhìolach air duilleag Facebook aon de bhuill Comhairle nan Eilean Siar.

Dh'aidich Jake Stafford à Barabhas, a tha an-diugh aithnichte mar Lucius Alexander Dillon, gun robh an dol a-mach aige dualtach eagal a chur air a' Chomhairliche Dòmhnall MacSuain.

Dh'òrdaich Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh gum feum e £50 a phàigheadh do Mhgr MacSuain a h-uile seachdain.

Chaidh casg air Stafford cuideachd bho bhith a' dol faisg air Mgr MacSuain neo conaltradh ris airson còig bliadhna.

An Comhairliche Dòmhnall MacSuainTùs an deilbh, DÒMHNALL MACSUAIN

Chuir an Comh. MacSuain fàilte air binn na cùirteach agus thug e "taing don t-siostam laghail airson dèiligeadh ris a' chùis an dòigh phroifeasanta agus thaiceil".

Thuirt e: "'S e àm dùbhlanach a th' air a bhith ann, agus tha mo shlàinte agus mo shunnd air fulang.

"Tha mi fhathast far m' obair mar chomhairliche rè ùine agus tha mi den bheachd gu bheil e cudromach gum bi fios aig daoine mun buaidh a dh'fhaodadh a bhith aig conaltradh air loidhne air daoine."