'Chan eil fios againn cò às a thàinig e' - HC-One
- Air fhoillseachadh
Thuirt a' chompanaidh a tha a' ruith dachaigh-cùraim Home Farm am Port Rìgh nach eil fios aca ciamar a fhuair an Coròna-bhìoras a-steach ann.
Thuirt HC-One gu bheil a h-uile coltas ann gun robh an galar ann an coimhearsnachd an Eilein Sgitheanaich mus do nochd e san dachaigh-cùraim.
Tha sianar air am beatha a chall ri linn Covid-19 ann an Home Farm is còrr is 50 cùis den bhìoras ann.
Dh'aidich HC-One roimhe gun deach luchd-obrach a thoirt a-steach bho Thìr-Mòr is bho Shasainn anns na seachdainean mu dheireadh.
"Chan eil fios againn cò às a thàinig an galar. Chan eil mi a' smaointinn gum b' urrainn fios a bhith againn air sin oir faodaidh am bhìoras a bhith air cuid gun chomharran sam bith", thuirt fear-labhairt bho HC-One.
"Tha fios againn cò a' chiad neach a bha dearbhte leis a' bhìoras tro dheuchainn ach chan eil sin ag ràdh gun tug iad a-steach dhan dachaigh e, dìreach gun do rinn iad deuchainn air thoiseach air daoine eile.
"Dh'fhàg sin gun do rinn sinn deuchainnean air a h-uile duine, is fhuair sinn gun robh an galar air tòrr den luchd-obrach ged nach robh comharran idir orra is iad a' faireachdainn gu math.
"'S e dùbhlan a tha sin leis a' bhìoras seo. Tha a h-uile coltas ann gun robh e sa choimhearsnachd mar-tha gun fhiosta do dhaoine", thuirt e.
Smachd
Thuirt am fear-labhairt cuideachd gur iad NHS na Gàidhealtachd a dh'fheumadh rannsachadh ciamar a fhuair an galar a-steach dhan dachaigh.
"Chan urrainn dhuinn sin a rannsachadh oir tha e nas fharsaing na dìreach an dachaigh-cùraim againn.
"Tha e an eisimeil dheuchainnean is fiosrachaidh aig ìre na coimhearnsachd is chan eil smachd sam bith againn air na gnothaichean sin", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Cèitean 2020
- Air fhoillseachadh8 An Cèitean 2020
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean 2020