Pìobairean gan gairm 'son ceann 80 bliadhna St Valery

  • Air fhoillseachadh
Prìosanaich aig Stalag IXc a’ falbh dhan choille a ghearradh “biorain” mar a bh’ aca fhèin orra airson geamaichean camanachd anns a' champa, 1942.Tùs an deilbh, Tasglann Ùisdein MhicIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Prìosanaich aig Stalag IXc a’ falbh dhan choille a ghearradh “biorain” mar a bh’ aca fhèin orra airson geamaichean camanachd anns a' champa, 1942.

Thathas ag iarraidh air pìobairean aig a bheil ceangal ri iomain gabhail a-mach Dihaoine an 12na là den Ògmhios a chomharrachadh mar a thachair bho chionn 80 bliadhna aig St Valery san Fhraing.

'S ann an sin a chaidh am 51st Highland Division a ghlacadh tràth san Dàrna Cogadh, agus chuir mòran dhiubh an còrr den chogadh seachad mar phrìosanaich aig na Gearmailtich.

Bidh pìobairean air feadh an t-saoghail a' comharrachadh sin.

"Ma dh'fhaighnicheas tu de mhòran dhaoine mu dhèidhinn na thachair anns an Dàrna Cogadh, bidh St Valery gu math àrd nan cuimhne," thuirt Ùisdean Mac'illInnein.

"Gu sònraichte airson na dòigh san deach daoine a thrèigsinn ann an sin.

"'S e a' bhuaidh a bh' aige sin agus na thachair an dèidh St Valery fhèin nuair a sgaoil iad na prìosanaich gu campaichean cogaidh ann an àiteachan eile, 's e sin a th' air lasadh air cuimhne dhaoine.

"'S e sin a tha ga fhàgail cho cudromach gun comharraich sinn e an ath-sheachdain," thuirt e.

Tha sgeulachdan mu na dh'èirich dha na saighdearan air tighinn a-nuas tro ghrunn theaghlaichean air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

"A thaobh na caismeachd a rinn iad, an strì 's an àmhghar a bh' aca a' faighinn gu na campaichean," thuirt Ùisdean.

Sgioba camanachd ann an Campa Stalag Xic, 1942.Tùs an deilbh, Tasglann Ùisdein MhicIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Sgioba camanachd ann an Campa Stalag Xic, 1942. Bha na sgiobaidhean air an tarraing bho sgìrean camanachd agus rèisimeidean fa-leth agus na camain air an dèanamh le fiodha a bhathas a’ gearradh sa choille le cead nan Gearmailteach. Bhathas a’ dèanamh bhall le snàth air fhuasgladh bho gheansaidhean a bha a’ tighinn tro pharsailean na Croise Deirge, agus bha suaicheantasan nan rèisimeidean air na lèintean.

"An uair sin an droch dhìol a bh' aig na Gearmailtich orra ann an àiteachan far an robh iad air an cur ann am mèinnichean ag obair air salainn, 's dìreach an t-seòrsa beatha a bh' aca sna campaichean.

"Agus tha aithrisean math air sin tro chuid de na teaghlaichean.

"An dòigh eile anns a bheil sinn air a bhith ga chumail air cuimhne, 's e an ceòl pìoba a tha seo a rinn Mèidsear na Pìoba Dòmhnall MacIllEathain, Heroes of St Valery.

"'S e sin an ceòl a th' air marsainn, agus tha e na cheangal ris a' bhlàr, ris na thachair, a bharrachd air an dannsa 's a h-uile càil eile a tha ceangailte ris a' 51st," thuirt e.

Tha ceanglaichean làidir aig an iomain ris na thachair cuideachd, agus thèid sin a chomharrachadh air an làraich-lìn shintymemoriesscotland, taobh a-muigh.

"Tha deagh aithrisean againn, agus dealbhan gu dearbha, de sgiobaidhean camanachd a chaidh a chur air dòigh taobh a-staigh nan campaichean," thuirt Ùisdean.

"Bha e na chleachdadh aig na prìosanaich mar dhòigh air an spiorad a chumail an-àirde, bha iad gan roinn fhèin anns na rèiseamaidean, no anns na sgìrean dham buineadh iad agus a' cluich gheamaichean.

"Ann an cuid de na campaichean rinn iad bargain le Gearmailtich gum faigheadh iad a-mach dhan choille a ghearradh bhioran airson na camain a dhèanamh - agus tha dealbhan againn dheth sin.

"Sin na sgeulachdan a bhios sinn ag innse air Facebook air an t-seachdain a tha romhainn," thuirt e.