Duais dha DS Moireach
- Air fhoillseachadh

Shoirbhich leis an ùghdar Leòdhasach, DS Moireach, aig duaisean Chomann nan Ùghdaran 2020.
Bhuannaich a' chiad nobhail aige 'As the Women Lay Dreaming' Duais Paul Torday.
'S e duais a tha seo airson ùghdaran a bheir a-mach a' chiad nobhail aig aois còrr air 60.
Tha Mgr Moireach a' faighinn duais £1,000.
"Bòidhchead"
Tha 'As the Women Lay Dreaming' stèidhichte air coimhearsnachd Leòdhais a' toirt bhliadhnaichean a' faighinn seachad air call na h-Iolaire
"Às dèidh dhomh dìreach beagan duilleagan de As the Women Lay Dreaming a leughadh, bha fios agam gur e seo an leabhar a bha a' dol a bhuannachadh", thuirt tè de na britheamhan, Sarah Waters.
"'S e an leabhar as giorra a bh' air a' gheàrr-liosta, ach 's e leabhar a th' ann a tha làn bòidhchead, bardachd is cridhe", thuirt i.
'S ann à Nis a tha Mgr Moireach is e an-diugh a' fuireach ann an Sealtainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean 2020
