Sneachd gu leòr air a' Chàrn Ghorm

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Cairngorm Mountain Earranta gu bheil sneachd gu leòr air a' bheinn airson na h-uimhir de cheadan sgìthidh a thoirt seachad air an deireadh-sheachdain seo.
Thug a' chompanaidh, a bhios a' ruith ghoireasan sgìthidh na beinne, comhairle do dhaoine bucadh ro làimh ge-tà.
Thuirt iad nach eil gu leòr ann airson na leathadan as ìsle fhosgladh, 's nach fhosgladh iad na leathadan as àirde a bharrachd, ach gu bheil an luchd-obrach air na th' ann a chàrnadh airson sgìtheadh is bòrdadh-sneachda a dhèanamh comasach air corra leathad.
"Tha sinn an dòchas gur e toiseach deagh sheusain a tha seo do Chairngorm Mountain," thuirt àrd-stiùiriche na companaidh, Mike Gifford.
Bha na h-uimhir de dhaoine a' sgìtheadh air a' bheinn Diardaoin.
Thuit i cho ìosal ri 11.7C oidhche Ardaoin, an oidhche as fhuaire anns an Rìoghachd Aonaichte bhon Fhaoilleach.