Àrd-oifigear ùr aig Ùghdarras a' Chlò Hearaich

- Air fhoillseachadh
Tha Ùghdarras a' Chlò Hearaich air Fiona NicCoinnich fhastadh mar àrd-oifigear.
Tòisichidh i anns an dreuchd anns a' Mhàrt 2026, a' gabhail thairis bho Chalum Iain MacÌomhair a bha na àrd-oifigear eadar-amail bho dh'fhàg Lorna NicAmhlaigh a h-obair ann an 2024.
Tha Fiona ag obair an-dràsta na neach-deasachaidh coimiseanaidh aig MG ALBA.
Chuir Cathraiche an Ùghdarrais, Tormod L. Dòmhnallach, fàilte air an naidheachd is e ag ràdh gu bheil e a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Fiona.
Dòchas aig Ùghdarras a' Chlò Hearaich
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt
A' dìon suaicheantas a' Chlò Hearaich
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt
Thuirt e gun do dhearbh i anns an agallamh aice gun robh i fiosrach mun ghnìomhachas agus gu bheil sgilean aice a bhios feumail dhan bhuidhinn.
Tha Fiona NicCoinnich fhèin ag ràdh gur e urram a th' ann an obair fhaighinn.
"Tha an Clò Mòr sònraichte", thuirt i.
"'S e pàirt bheò de dhualchas nan eilean a th' ann agus tha mi a' coimhead air adhart ri pàirt a ghabhail ann a bhith a' dìon an dualchais sin agus a bhith a' sealltainn ris an àm ri teachd is dòighean-obrach is cothroman ùra."