Cothrom as ùr air taic FFIS do chroitearan eileanach

- Air fhoillseachadh
Gheibh croitearan cothrom às ùr air sgeama maoineachaidh an dèidh do Riaghaltas na h-Alba atharrachadh a thoirt air mar a mheasar tagraidhean.
Bha connspaid ann mu sgeama an FFIS an dèidh mar a thàinig e am bàrr gur e glè bheag de chroitearan sna h-Eileanan Siar agus ann an cuid de sgìrean den Ghàidhealtachd a shoirbhich.
A dh'aindeoin 's mar a bha an sgeama ag amas air prìomhachas a thoirt do chroitearan is tuathanaich òga sna h-Eileanan, chaidh a' mhòr chuid den airgead a bha ri fhaighinn gu tuathanaich ann an sgìrean eile de dh'Alba.
Nochd Caidreachas Croitearachd na h-Alba dragh gun deach suas ri 94% de thagraidhean ann na cuid de sgìrean a dhiùltadh mar 'neo-righailteach'.
Tha Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, a-niste air atharrachadh a dhèanamh air mar a mheasar tagraidhean, agus 122 tagradh a bharrachd a-niste air an ceadachadh.
Tha 64% dhiubh sin air an sònrachadh do chroitearan is tuathanaich anns na sgìrean eileanach.
Chaidh seo a dhèanamh le bhith a' toirt talamh ionaltraidh a-mach às a' ghnothach nuair a thathas a' meas co-dhiù tha croitear airidh air taic, agus atharrachadh a thoirt air mar a chlàrar àiteachas organach.
Thig an t-airgead o bhith a' cur airgid a bh' air a thoirt do thagraichean soirbheachail ach nach deach a ghabhail suas ann an àm a dh'ionnsaigh tagraidhean ùra.
"Chaidh an sgeama seo a dhealbh an co-bhann le tuathanaich is croitearan airson sùbailteachd a thoirt dhaibh, agus airson a' chiad uair bha e comasach air suas ri 100% de thaic a thabhainn airson pròiseactan," thuirt Mgr Fairlie.
"Tha seo a' dèanamh cinnteach gun coilean e ar prìomhachasan a thaobh piseach a thoirt air giùlain àrainneachdail thuathanasan agus chroitean na h-Alba gun an còrr uallaich ionmhasail a chur orra.
"Tha 64% de na 122 tagraidhean ùra air an sònrachadh airson tuathanasan agus croitean anns na h-Eileanan, agus 75% dhiubh sin airson chroitean."
Ceistean
Rinn Caidreachas Croitearachd na h-Alba toileachas aig an naidheachd, ach thuirt iad gu bheil ceistean fhathast rim freagairt mu mar a chaidh an sgeama ceàrr.
"Tha sinn a' cur fàilte air an naidheachd a tha seo, agus gu h-àraidh gu bheil seo a' sealltainn gu bheil guthan Caidreachas Croitearachd na h-Alba agus airson nam ball againn tha sinn a' riochdachadh nan croitearan, agus gun deach èisteachd a dhèanamh dhuinn," thuirt Pàdraig Moireasdan bhon bhuidhinn.
"Tha ceistean fathast a' seasamh, agus tha sinne an dùil barrachd foillseachaidh fhaighinn air seo.
"Tha sinne a' coinneachadh ris an Riaghaltas an ath sheachdain, agus bidh sinn a' faighneachd nan ceistean a tha seo airson 's gum faigh sinn a-mach dìreach gu dearbha dè a chaidh ceàrr, agus ciamar a dh'fhaodadh seo a bhith air a cheartachadh.
"Tha sinn toilichte a' faicinn gu bheil iad a' dèanamh ath-mheasadh air cho mòr 's a tha am fearann aig daoine ann an cuid de na tagraidhean, agus e coltach gun deach mòr-fhearann a chumail a-staigh còmhla ri fearann a bh' aig daoine nuair nach robh còir aige a bhith a-staigh anns an àireimh de dh'acairean a bh' aca.
"Tha iad air sin a thoirt a-mach, agus tha sin a' ciallachadh gum faigh daoine a-staigh, gu h-àraid gnìomhachasan beaga 's gnìomhachasan eileanach far an robh còir na prìomhachasan a bhith, gum faigh iadsan an cunntais mar as còir."