Spòrs Gàidhlig a' sireadh barrachd airgid bho Bhòrd na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Tha Spòrs Gàidhlig ag ràdh gu bheil maoineachadh a bharrachd a dhìth orra airson dèanamh cinnteach gun tèid aca air cumail a' dol an ath bhliadhna.
Cleas iomadach gnìomhachas eile, tha a' bhuidheann, a tha a' cur thachartasan air dòigh do dhaoine òga tro mheadhan na Gàidhlig, air buaidh riaghailtean teann Covid-19 fhaireachdainn.
Thàinig orra cead iarraidh bho Bhòrd na Gàidhlig an "drochaid choimearsalta" luach £45,000 a fhuair iad bhuapa a chleachdadh gus an luchd-obrach a chumail ann an dreuchd.
Chan eil na tachartasan àbhaisteach mar champaichean agus fèisean spòrs - far am bi a' chlann a' cruinneachadh à iomadh ceàrnaidh den dùthaich - ceadaichte dhaibh an-dràsta.
Cothroman ùra
Ged nach eil an clàr-ama aca cho làn agus a bu mhiann leotha, thuirt Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill, gu robh aca ri dòighean eile a lorg airson an dleasdanas a choileanadh agus airson gum bi dreuchdan dhaoine seasmhach.
"'S ann dìreach bho chionn seachdain a thòisich sinn a' sanasachd nan cothroman ùra aig prìs nas ìsle agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn obair a bharrachd sna mìosan a tha romhainn.
"Tha sinn dòchasach. Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil sinn a' tabhann rudeigin fa leth, cur-seachadan aig ìre àrd, proifeasanta sa Ghàidhlig.
"Tha an aon chead agus a th' aig daoine sam bith eile am Breatainn a tha a' lìbhreagadh nan rudan a tha seo; chan e rud aig an dàrna ìre a tha seo ann an dòigh sam bith," thuirt Mgr MacNèill.
Tagradh airson maoineachaidh
Thuirt e gu bheil airgead gu leòr aca airson luchd-obrach a phàigheadh suas chun a' Mhàirt 2021 ach gum bi maoineachadh a bharrachd a dhìth orra airson bliadhna eile an dèidh sin.
Cuiridh iad tagradh gu Bòrd na Gàidhlig airson an dàrna leth de na dh'fheumas iad ach thuirt Mgr MacNèill gum feum iad an còrr ionmhais a lorg an àiteigin eile.
"Tha sinn dòchasach dha-rìribh gun tèid againn air Spòrs Gàidhig a chumail a' dol suas chun a' Mhàirt ann an 2022 ach cò aig a tha fios às dèidh siud.
"Bhiodh sinn an dòchas gur dòcha gum biodh sinn a' tionndadh an nuairsin air ais gu bhith ag amas air rudeigin beagan nas coimearsalta," thuirt Mgr MacNèill.