Gluasad ann am planaichean 'son seann sgoil a' Chnuic
- Air fhoillseachadh

Ghabh planaichean airson leasachadh mòr a dhèanamh air seann sgoil a' Chnuic ann an Leòdhas ceum air adhart.
Dhearbh Urras Stòras an Rubha gu bheil iad air maoineachadh gu leòr fhaighinn gus an obair togail a chur a-mach gu tairgse.
Bha an t-urras a' strì còrr is seachd bliadhna airson airgead a chruinneachadh.
Chaidh an diùltadh dà thuras leis a' Chrannchur Nàiseanta.
Am measg nam buidhnean a thug taic seachad, tha Urras an Rubha is Shanndabhaig, Comhairle nan Eilean Siar tro Stòras Oighreachd a' Chrùin agus Riaghaltas na h-Alba.
Ath-nuadhachadh
Tha an t-urras an dùil an seann sgoil ath-nuadhachadh mar ghoireas coimhearsnachd.
Thèid pìosan dhen togalach a leagail agus thèid pìosan dheth a chumail.
Tha grunn bhuidhnean stèidhichte san togalach mar-thà agus gheibh iad sin àite gleansach ùr.
Nam measg tha Bùth an Rubha agus an cafaidh, agus Urras an Rubha agus Shanndabhaig.
Bidh àite ann airson Comunn Eachdraidh an Rubha agus dhan phàipear choimhearsnachd "An Rubhach."
Thèid àite taisbeanaidh a chur ma seach 'son Urras Eaglais na h-Aoighe agus bidh àite coinneachaidh ann a ghabhas a chleachdadh leis a' choimhearnsachd.
Thuirt Rùnaire an Urrais, Catriona Dunn: "Tha an an seann sgoil mar-thà le na tha a' dol innte air sealltainn gur e àite a th' ann a tha prìseil do dhaoine airson coinneachadh agus tha e a' toirt a' choimhearsnachd ri chèile.
"Tha e uabhasach cudromach gum bi rudeigin mar seo ann a tha mar àite cruinneachaidh do dhaoine agus far am bi daoine a' coinneachadh a chèile agus far am faigh daoine air obair saor-thoileach a dhèanamh."