Plana airson 34 taighean ùra faisg air Port-adhair Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Port-Adhair SteòrnabhaighTùs an deilbh, Stephen Branley/Geograph

Chaidh plana fhoillseachadh gus 34 taighean ùra a thogail air fearann faisg air Port-adhair Steòrnabhaigh.

Tha seo a' tighinn an dèidh do Chompanaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) soirbheachadh ann an strì laghail ri croitearan mu cò leis a tha am fearann.

Thog croitearan Mhealaboist agus Bhràigh na h-Aoighe ceist mu phlanaichean HIAL pìos fearainn an cois a' phuirt-adhair a reic, agus iad ag ràdh nach deach na còirichean laghail riamh a thoirt seachad agus gun robh e fhathast mar phairt de dh'fhearann a' bhaile. Shoirbhich leis na croitearan ann an Cùirt an Fhearainn, ach shoirbhich le HIAL às dèidh sin le tagradh gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann.

Bha HIAL ag ràdh gun deach an talamh a thoirt dhaibh aig àm an dàrna cogaidh airson leudachadh a' phuirt-adhair.

Leasachadh

Tha iad a-nis air leigeil fhaicinn gu bheil iad air am fearann a reic do chompanaidh-togail ionadail CalMax, agus iad an dòchas gun tèid taighean a thogail air.

Tha dà sheann thogalach air an làraich a dh'fheumas a bhith air an leagail, ach tha iarrtas cead-dealbhachaidh airson 34 taighean agus àite-cluiche a-nis air a dhol gu Comhairle nan Eilean Siar.

Tha barrachd fearainn, còrr is deich àcair, ann na bhios a dhìth airson an leasachaidh seo, agus tha CalMax an dòchas gun gabh barrachd leasachaidh a dhèanamh ma bhios a' chiad earrann soirbheachail.

Thuirt stiùiriche leasachaidh ChalMax, Dòmhnall MacAoidh, gur e làrach gu math freagarrach a tha seo do thaighean agus gum bi an leasachadh seo na bhuannachd chan ann a-mhàin don eaconomaidh, ach cuideachd do shealladh an àite.