Campaichean luchd-obrach "an urra ri ùghdarrasan ionadail"

An t-Àth LeathannTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cha do rinn Riaghaltas na h-Alba measadh fa-leth air a' bhuaidh a bhios aig campaichean luchd-obrach air coimhearsnachdan air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

A' freagairt ceist bhon BhPA Thòraidheach Jamie Halcro Johnston, thuirt Ministear a' Ghnothachais 's an Fhastaidh, Ridseard Lochhead, gun robh fhios aige gun deach iarrtasan a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd airson campaichean, ach gur ann air an ùghdarras ionadail a tha uallach airson dealbhachaidh.

"Cha do rinn Riaghaltas na h-Alba measadh eaconomach fa-leth sam bith air a' bhuaidh a bhios aig na molaidhean seo, ach feumar iarrtasan a mheasadh a rèir a' phlana leasachaidh mura h-eil adhbhar ann nach tachair sin," thuirt e.

"Cha bhiodh e iomchaidh do Riaghaltas na h-Alba beachd a thoirt seachad air iarrtasan a tha beò."

Chaidh iarrtas airson fear de dhà champa a bha san amharc anns an Eilean Sgitheanach a tharraing air a' mhìos a chaidh, ach tha sùil a-niste air làraichean eile.

"Tha làrach le 450 leabaidh fhathast air a' bhòrd airson Aisig," thuirt Mgr Halcro Johnston.

"An-uiridh, thuirt Ceit Fhoirbeis, gu ceart, gu bheil e riatanach nach tig buidhnean mòra corporra a-steach 's a-mach a-rithist a' fàgail choimhearsnachdan gun ach cuimhneachain air buaireadh, sgrios agus fearg.

"'S e sin dìreach na tha a' tachairt ge-tà, chan e a-mhàin san Eilean Sgitheanach ach air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean."

Conaltradh Ceart

Thuirt Mgr Lochhead gun robh àiteachan-fuirich do luchd-obrach a dhìth airson pròiseactan mòra bun-structair a thoirt gu buil, 's gun tèid mòran deagh chosnaidhean a chruthachadh le leasachaidhean ath-nuadhachail aig tuath sna bliadhnaichean a tha romhainn.

"A thaobh an iarrtais ann an Aisig, bhithinn an dòchas gu bheil na h-ùghdarrasan dealbhachaidh a' dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh ceart eadar an luchd-leasachaidh agus a' choimhearsnachd 's gu bheil iadsan a' coileanadh an dleastanasan cuideachd," thuirt e.

"A thaobh bun-structar a leudachadh a-mach airson cumhachd ath-nuadhachail a bhrosnachadh air Ghàidhealtachd, 's e rud a th' ann a tha gu math cudromach do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean san àm ri teachd."

Dìleab Mhaireann

A' cur ceist-taice, thuirt am BPA Làbarach Daniel Johnson gun deach a mholadh ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain a chaidh gun deadh mòr-phlanaichean ro-innleachdail a dhèanamh 'son dèanamh cinnteach gun robh dìleab mhaireann air fhàgail a chùm maith choimhearsnachdan air cùlaibh leasachaidhean mòra.

"A bheil an t-àm ann coimhead ri sin ach am bi in-ionmhas maireannach leithid taigheadais ann nuair a tha leasachaidhean mòra bun-structair gan dèanamh?" thuirt e.

Fhreagair Mgr Lochhead gun robh an Riaghaltas fosgailte do bheachdan ùra, ach nach robh na cumhachdan an-còmhnaidh aig Holyrood airson an toirt gu buil.

"Tha cruth-atharrachadh mòr eaconomach a' dol air adhart air Ghàidhealtachd an-dràsta a chruthaicheas mòran deagh chosnaidhean," thuirt e.

"Tha sinn daonnan fosgailte do bheachdan ùra, ach tha mòran rudan ann air nach eil smachd againn anns a' Phàrlamaid a tha seo, leithid cosgaisean sgaoilidh dealain, agus rudan eile, agus gu dearbha na buannachdan coimhearsnachd a tha ceangailte ri leasachaidhean.

"'S e rud a th' ann ris am biomaid an-còmhnaidh ag iarraidh taic a chur, ach chan eil an uidheam againn sa bhocsa airson dèanamh cinnteach gun tèid a dhèanamh."