Oifigear pròiseict air a fastadh an Tròndairnis
- Air fhoillseachadh

'S e boireannach à sgìre Thròndairnis fhèin a bhios na h-oifigear pròiseict air ionad coimhearsnachd ùr anns an sgìre.
'S i Marion NicAnndrais, à Flòdaigearraidh, a fhuair an obair, a tha ga stèidheachadh le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus Bòrd na Gàidhlig.
Bidh e an urra rithese airgead fhaotainn airson na planaichean a thoirt gu buil.
Tha iad a' coimhead ri ionad anns am bi cultar, cànan agus eachdraidh an àite.
Obraichean
"'S e pròiseact a th' air a bhith a' dol airson beagan bhliadhnaichean," thuirt Marion.
"Bha daoine san sgìre ag iarraidh àite far am b' urrainn dhaibh an cultar agus an cànan a thoirt air adhart, agus 's dòcha beagan obraichean a thoirt dhan sgìre.
"An toiseach bidh maoineachadh ri lorg airson am pròiseact a thoirt air adhart.

"Feumaidh sinn coimhead airson diofar àiteachan far am faigh sinn airgead, agus coimhead air ciamar a bhios am pròiseact a' tighinn air adhart.
"'S e pròiseact gu math làidir a th' ann, agus tha tòrr diofar àiteachan ann far am faodadh sinn a bhith a' coimhead airson airgead fhaighinn, agus tha mi gu math misneachail gum bi sinn soirbheachail ann an sin.
"Bidh obraichean a' tighinn a-mach às an ionad a tha seo, agus tha sinn an dòchas gum bi mòran obraichean ann," thuirt i.
Daoine òga
Tha Marion gu math toilichte a bhith a' faighinn a' chothruim seo tilleadh dhachaigh.
"Tha mi an dèidh a bhith air falbh airson tha mi a' smaoineachadh seachd bliadhna a-niste," thuirt i.
"Ach bha mi an-còmhnaidh an dòchas gun tigeadh obair anns an sgìre an-àirde a-rithist agus gum faighinn air ais chun na sgìre.
"Bha agam fhèin ris an sgìre fhàgail agus, uill chaidh mi gu Sabhal Mòr an toiseach, ach às dèidh sin cha robh mòran obraichean anns an sgìre, so bha agam ri falbh.
"Tha mi an dòchas 's dòcha gun toir e cothrom dhan fheadhainn òga nach eil aca ri fhàgail, no co-dhiù gu bheil obraichean ann nuair a tha iad an dèidh a bhith air falbh airson beagan bhliadhnaichean.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bi muinntir an àite gu math toilichte nuair a bhios an t-ionad a tha seo fosgailte.
"Tha an cànan agus an cultar gu math cudromach dha na daoine anns an sgìre, agus tha mi a' smaoineachadh gum bi iad gu math toilichte gu bheil àite ann far an urrainn dhaibh sin a shealltainn dhan mhòr-shluagh," thuirt i.