Dreuchdan ùra aig Bàgh an Eig
- Air fhoillseachadh

Thèid faisg air 50 dreuchd ùr a chruthachadh aig Gàrradh Bhàgh an Eig air Taobh Sear Rois.
Chaidh an gàrradh a thaghadh gus cuideachdadh le stòradh agus lìbhreagadh structaran stèidheachaidh airson tuathan-gaoithe mòra far chosta an ear na h-Alba.
'S e an tuath-gaoithe mara as motha ann an Alba a th'ann an Seagreen, pròiseact gus 114 crainn-ghaoithe a thogail ann an Linne Fhoirthe.
Thèid na structaran a stèidheachaidh airson gach crann a chur an òrdugh, a stòradh, agus aon uair is gu bheil feum orra, a chur a Linne Fhoirthe bho Bhàgh an Eig.
Cruthaichidh an cùmhnant seo 48 dreuchd, agus cumaidh e taic ri 93 cosnadh a th'aig an aon làraich mar thà.
Tha dùil gun tòisich an obair san dàrna leth den bhliadhna seo, agus gum mair e bliadhna.