Glaschu gun àiteachan FTMG gu leòr

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Fo-thiotal an deilbh,

Tha trì sgoiltean ann an Glaschu a' toirt seachad foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a-niste.

Tha pàrantan ann an Glaschu a' beachdachadh air an cuid chloinne a chur gu sgoiltean ann an sgìrean-comhairle eile leis nach eil àiteachan gu leòr dhaibh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile mhòr fhèin.

Nochd sin aig coinneimh de Chomann nam Pàrant Ghlaschu oidhche Chiadain.

Chualas roimhe nach biodh àiteachan gu leòr ann airson na th'ann de dh'iarrtas airson clann a' tòiseachadh ann an sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu.

Chuir Comann nam Pàrant Ghlaschu a' choinneamh air dòigh nuair a chaidh a dhearbhadh nach fhaigh còrr is 40 duine-cloinne sa bhaile a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san Lùnastal, mar tha am pàrantan ag iarraidh.

Bha mu 20 pàrant aig a bheil clann san t-suidheachadh sin aig a' choinneimh air-lòidhne.

Bheachdaich iad air dòighean eadar-dhealaichte toirt air Comhairle a' Bhaile fuasglaidhean a lorg.

Ach am-bliadhna, dh'fhaodadh gum bi aig cuid dhiubh ri iarrtasan a chur a-steach gu aonadan Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath agus a Deas, no Inbhir Chluaidh.

Thuirt neach-làbhairt na buidhne gun robh e soilleir gun robh pàrantan airson obrachadh còmhla ri chèile gus dèanamh cinnteach nach càilleadh clann sam bith an cothrom foghlam fhaighinn sa chànan.