'S e gnè ùr de snàgair a th' ann am fosail a lorgadh san Eilean Sgitheanach

Breugnathair ElgolensisTùs an deilbh, TAIGHEAN-TASGAIDH NÀISEANTA NA H-ALBA
  • Air fhoillseachadh

Chaidh ainm Gàidhlig a thoirt do snàgair nach b' fhiosrach do dhuine roimhe agus a bha a' tighinn beò san Eilean Sgitheanach san Linn Dhiùrasach.

Chaidh am fosail a lorg ann an Ealaghol ann an ceann a deas an eilein agus mar sin chaidh ainmeachadh mar am Breugnathair elgolensis.

Tha an Dr Stig Walsh, pailleon-eòlaiche aig Taighean-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, ag ràdh gur e "fìor Eilean Diùrasach na h-Alba a th' anns an Eilean Sgitheanach, agus air tè de na làraichean Meadhan-Diùrasach as cudromaiche san t-saoghal".

Am measg na lorgadh roimhe san Eilean, tha dìneasair Ealaghoil, taobh a-muigh, an cnàimhneach dìneasair as slàine a fhuaireadh a-riamh ann an Alba, agus Dearc sgiathanach, taobh a-muigh, am fosail pterosaur Diùrasach as motha san t-saoghal.

Thuirt an Dr Walsh gu bheil Breugnathair elgolensis "a' cur ris an eòlas mu thàrmachadh-ghnè nathraichean agus dhearcan".

An Dr Stig Walsh le molldair fosail Breugnathair elgolensis Tùs an deilbh, DUNCAN MCGLYNN
Fo-thiotal an deilbh,

An Dr Stig Walsh le molldair fosail Breugnathair elgolensis

Chleachdar teicneòlas X-ray cumhachdach airson am fosail a sganadh a sheall gu mionaideach taobh a-staigh an structair.

Bha peirceallan-nathrach aig Breugnathair agus fiaclan lùbte coltach ri na th' aig pìotanaichean an là an-diugh.

Eu-coltach ri nathraichean a tha beò an-diugh ge tà, bha com agus casan aige coltach ri dearc.

"Dh'fhaodadh gu bheil seo ag innse dhuinn gu bheil sinnsearan nathraichean gu math diofraichte bho na bha dùil againn," thuirt an Dr Roger Benson, Àrd-Glèidhidh Paillean-Eòlais le Taigh-Tasgaidh Aimeireaganach na h-Eachdraidh Nàdair.

'S e prìomh ùghdar an rannsachaidh a rinn sgioba eòlaichean eadar-nàiseanta a chaidh fhoillseachadh san iris Nature an-diugh.