Taigh-dhealbh a' Ghearasdain fo urras charthannais

Taigh-dhealbh na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Taigh-dhealbh na Gàidhealtachd ann am Baile a' Ghearasdain a chur fo shealbh urrais charthannais.

Chaidh an taigh-dhealbh fhosgladh ann an 2020 agus tha obraichean an 30 duine a tha a' faighinn cosnaidh ann a-niste sàbhailte.

Tha an t-urras ag ràdh nach toir an t-atharrachadh buaidh air seirbheisean no goireasan an ionaid, agus gu bheil iad an dòchas gum bi an taigh-dhealbh aig cridhe na coimhearsnachd.

Na suidheachain agus an Lotus Elan
Fo-thiotal an deilbh,

Chan e a h-uile taigh-dhealbh sa bheil càr na bhroinn

Mus do dh'fhosgail an taigh-dhealbh an 2020 bha am baile air a bhith às aonais taighe-dhealbh fad 15 bliadhna.

Thog am fear-gnothachais Aonghas MacDhòmhnaill - a tha a-niste na BhP dhan sgìre - fear ùr air Ceàrnag Chamshron.

Tha mullach dearg air, agus càr spòrs Lotus Elan an lùib nan suidheachan san tèatar, agus Mgr MacDhòmhnaill airson 's gum biodh e "na shuaicheantas air cultar agus ealain".

"Tha mi gam fhaicinn fhèin mar cho-ogha Canadianach a' tilleadh dhan t-seann dùthaich," thuirt e.

"Tha mullach dearg iarrainn-phreasaich air, 's e togalach cloiche a th' ann, 's tha crùn-choinnlearan cròiceach ann, agus fiodha brèagha na bhroinn.

"Bha mi dha-rìribh ag iarraidh gur e brod na Gàidhealtachd a bhiodh ann."

An cafaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an cafaidh agus tachartasan a tha gan cumail ann air an taigh-dhealbh a dhèanamh na àite-cruinneachaidh dhan choimhearsnachd agus luchd-turais

Dh'fhàg bacaidhean Covid gur e toiseach-tòiseachaidh doirbh a bh' ann dhan ghnothachas ùr, ach tha an taigh-dhealbh a-niste na àite-cruinneachaidh do mhuinntir an àite agus luchd-turais, le cafaidh agus ionad airson chèilidhean is tachartasan ann cuideachd.

"'S e àite math a th' ann airson chèilidhean uaireannan," thuit Emma Leitch, a tha a' fuireach sa bhaile.

"Tha cèilidhean gu bhith ann, agus tachartasan ciùil, a bharrachd air dìreach na fiolmaichean."

Na suidheachain agus an Lotus Elan a' coimhead ris an sgrìon
Fo-thiotal an deilbh,

Thug an taigh-dhealbh an ciad cosnadh do dh'iomadh Abrach òg

Bhuannaich an t-àite duais Taigh-dhealbh na Bliadhna ann an 2023 agus 's iomadh Abrach òg a fhuair a' chiad obair aca ann.

"Tha sinn air cosnadh a thoirt do na ceudan thar cheudan dheugairean sa chiad obair aca," thuirt Mgr MacDhòmhnaill.

"Sin eadar a bhith ag obair ann an saor-làithean an t-Samhraidh, no aig an Nollaig, no sioftaichean feasgair, 's tha e math dha-rìribh dhaibhsan.

"Tha fhios aca gum feum iad a bhith spaideil, 's thig iad a dh'obair 's gheibh iad deagh phàigheadh air a shon.

"Gheibh iad ticeadan fiolma cuideachd," thuirt e.

Aonghas MacDhòmhnaill BP
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Aonghas MacDhòmhnaill a-niste air an taigh-dhealbh a chur fo urras charthannais 'son a ghlèidheadh san ùine fhada

Tha Mgr MacDhòmhnaill a-niste ge-tà, air co-dhùnadh an gnothachas a chur fo smachd urrais charthannais.

"'S ann dhan choimhearsnachd a thog mi e," thuirt e.

"Cha robh e riamh, nam inntinn-sa, agam fhèin.

"Bha mi airson a chur air chois 's a ruith mar a dh'iarrainn sin a dhèanamh, 's tha e a-niste a' dol glè mhath.

"Shaoil mi gur e seo an t-àm ceart a dhèanmh foirmeil."

Mar charthannas, thèid aca a-niste air cur airson tabhartasan maoineachaidh cleas ionadan eile air Ghàidhealtachd, 's mar sin bu chòir gum bi taigh-dhealbh a' Ghearasdain maireann sna bliadhnaichean a tha romhainn.