John Swinney: "Feumaidh bùird èisteachd ri eileanaich"

John SwinneyTùs an deilbh, Pàrlamaid na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gu bheil e deatamach gun èist bùird bhuidhnean poblach ri eileanaich is gun dèan e fhèin cinnteach gur e sin a thachras.

Bha John Swinney a' bruidhinn is e a' freagairt ceist bhon BhPA Làbarach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Rhoda Ghrannd.

Thog a' Bh Ph Ghrannd an gnothach aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir Diardaoin às dèidh dhan aon eileanach a bha air bòrd CMAL falbh.

Tha connspaid air a bhith a' cuairteachadh a' ghnothaich bho thàinig teirm Mhurchaidh MhicIllinneinn gu ceann is gun chothrom aige air dàrna teirm.

Bha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) am measg na thog ceist mun seo, a thuilleadh air iomadh dragh eile fad bhliadhnaichean mu dhìth riochdachaidh san fharsaingeachd aig eileanaich air bùird nam buidhnean aiseig.

Thuirt Rhoda Ghrannd aig Holyrood gur e "buille" eile a bha seo dha coimhearsnachdan eileanach.

Dh'fhaighnich i dha Mgr Swinney dè tha e a' dèanamh gus an àireamh de dh'eileanaich air bòrd CMAL àrdachadh, is gus dèanamh cinnteach gu bheil eileanaich air bùird eile a tha fìor chudromach dhaibh.

Ged a fhreagair am Prìomh Mhinistear gum feumar "pròiseasan oifigeil" a leantainn a thaobh daoine fhastadh dha bùird, thuirt e gur e "puing shusbainteach" a bh' aig a' Bh Ph Ghrannd.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ceist Rhoda Ghrannd is freagairt John Swinney

"Ballrachd air bùird ann no às, bhithinn an dùil gum biodh CMAL, CalMac, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, NàdarAlba, Oighreachd a' Chrùin - na buidhnean seo uile a tha a' toirt buaidh air eileanaich - a' dèanamh cho cinnteach 's a ghabhas gu bheil iad a' cluinntinn bheachdan nan eileanan," thuirt Mgr Swinney.

"'S dòcha nach gabh am moladh aig Rhoda Ghrannd mu bhallrachd nam bòrd - moladh a tha ceart is ciallach - a choileanadh anns a h-uile suidheachadh a th' ann, ach feumaidh bùird èisteachd ri eileanaich is feumaidh iad dèiligeadh ris na puingean a tha iad a' cluinntinn.

"Nì mise cinnteach gur e sin a thachras".

Chaidh an cuspair a thogail cuideachd aig Comataidh na Còmhdhail aig Holyrood Dimàirt.

A' bruidhinn ris a' chomataidh, thuirt Rùnaire na Còmhdhail Fiona Hyslop nach biodh i a' toirt seachad beachd air "fathannan is goistidh", ach gu bheil e "fìor chudromach" gum bi eileanaich air bùird nan aiseagan.

Thuirt i gun tèid sanas fhoillseachadh a dh'aithghearr gus dèanamh cinnteach gum bi na h-eileanan air an riochdachadh air bòrd CMAL.

Bha Còmhdhail Alba air innse dha BBC Naidheachdan an t-seachdain seo chaidh gum bi iad "ag iarraidh thagraidhean bho dhaoine a tha a' fuireach is ag obair ann an eileanan, a' toirt a-steach sgilean sa Ghàidhlig, cho math ris na sgilean is eòlas a tha riatanach 'son a bhith air bòrd".