Bàta-teasargainn ùr dhan Eilean Sgitheanach

Bàta-teasargainnTùs an deilbh, RNLI
Fo-thiotal an deilbh,

Bàta clas Shannon mar a gheibh Port Rìgh.

  • Air fhoillseachadh

Gheibh stèisean bàta-teasargainn an RNLI anns an Eilean Sgitheanach bàta ùr ann an 2026 mar phàirt de ro-innleachd do chabhlach na buidhne.

Chuir saor-thoilich, criutha agus luchd-trusaidh airgid aig RNLI Phort Rìgh fàilte air an naidheachd agus a' bhuidheann san Eilean Sgitheanach anns an treas deichead aice a-nis.

Fhuair an stèisean am bàta Trent a th' aca an-dràsta - Stanley Watson Barker - an toiseach anns an Ògmhios 1996.

'S e bàta clas Shannon a ghabhas a h-àite an ath-bhliadhna.

Cha deach ainm no àireamh a thoirt dhi fhathast.

Chuir Manaidsear-obrach RNLI Phort Rìgh, Dùghlas MacDhùghaill, fàite air an naidheachd is e ag ràdh gu bheil bàtaichean Shannon luath agus furasta a ghluasad.

Thuirt e: "Bidh mòran trèanaidh ri dhèanamh aig àrd-oifis an RNLI ann am Poole agus aig an taigh mus bi sinn deiseil airson seirbheis leis a' bhàta ùr."

Cuideachd, thug e taing dha na daoine a tha a' togail airgid dhaibh agus do luchd-taic is luchd-fastaidh a tha gan cuideachadh.